Skip to main content

‹‹‹ prev (126)

(128) next ›››

(127)
’S LEAM FHIN AN GLEANN
Aonghas .
An duine gasda !
Morag.
Nach fhan sibh samhach? {A’ leughadh.) “Am bi thu,
'nis cho math agus ceann an daimh a chur gu Joliffe anns an
Oban gun dail, mur e ni ’s gu’n d’rinn thu sin mar tha—“
Aonghas .
Rinn mise sin fo chionn seachduinn.
Morag .
Cuistibh a nis agus eisdibh (a ’ leughadh.) ‘ ‘ Thug mi cinn
nam muc do fhear nan eun g’ a chumail samhach,
agus tha mi ’cur not a d’ ionnsuidh mar phaidheadh air an son.
Chi mi thu gu goirid, ma theid obair na mein iaruinn air a
h-aghaidh—
Do charaid,
W Stockman.’’
Aonghas.
Nach e fhein an duin uasal ?
Morag .
Buinidh an t-airgiod do MhacPheadrain tha mi ’n duil.
Nach d’thuirt sibh rium gu ’n do cheannaich e cinn nam muc
o Mhrs Galletly? Ach phaidheadh not iad deich uairean
do Mhac Pheadrain !
Aonghas .
’S esan nach do cheannaich. ’S fhada mu 'n
ceannaicheadh MacPheadrain dad idir na ’m faigheadh e an
nasgaidh e. Thug Mrs. G. dha iad gun dad. Cha robh reic
no ceannach ’s a chuis.
121