Skip to main content

‹‹‹ prev (100)

(102) next ›››

(101)
EARRANN III.
Dealer.—Sedmar comhnuidh na croite aig a’ Choille Mhdir.
Tha seachduin air dol seachad. Doras agus e fosgailte
ann am meadhon a’ bhalla chiiil. Tha 'n gleann ’s na
monaidhean ri ’m faicinn troimh’n dorus—a’ ghrian a'
dearrsadh orra. Rollachan de chord iaruinn ri taic an
doruis—uinneag air gach taobh de ’n dorus.—Piob mhor
air sgeilp iosal na h-uinneige air an laimh chli—cuibheal
shniomha fo ’n uinneig air an laimh dheis—air an taobh
chli na ’s fhaide sios—an dreasar agus soithichean
air.—Aon dealbh air a’ bhalla air an laimh dheis, agus
tairngean, ear as aid agus cbtaichean an crochadh riu—dorus
anns a’ bhalla air an taobh chli, ’s na ’s fhaid air
aghaidh—dite teine—greideal an crochadh os cionn teine
mbna—cliabh mbna agus da chathair dliith do ’n aite theine—
Bbrd am meadhon an urlair, agus goireasan fuinidh air—
Cathair aig gach ceann de ’n bhbrd. Morag a’ fuineadh,
’ s a’ gluasad air a h-ais ’s air ah-aghaidh eadar a’ ghreideil
’s am bbrd—Aonghas ’na shuidhe aig an teine a’
rannsachadh an leabhair cunntais.
Morag.
C’arson a tha sibh a’ sealltuinn anns an leabhar sin cho
trie, athair?
Aonghas .
Bha mi ’n dixil gu ’m faca mi fear air taobh Thorlochain
de ’n mhonadh ud thall. Dh’fhaodadh e bhi ’tighinn an
taobh so.
95