Skip to main content

‹‹‹ prev (92)

(94) next ›››

(93)
’S LEAM FHIN AN GLEANN
Aonghas .
Is i sin beachd a bh’agam. Ach ’s iomadh rad neonach
a th’ ann. Tha seorsa de dh’fhaireachdainn agam gu bheil
fortan a 'tighinn orm.
Iain.
A leobhra ! Tha ’cheart fhaireachdainn agam fhin, agus
Beinn Mh6r lan airgid a’ seasamh os mo chionn fad an latha.
Aonghas .
Och, cha bhuannachd sin duinn, ma mhillear Eilean
Arois.
Iain.
De ’m milleadh a bhios ann ?
Aonghas .
Bithidh milleadh gu leoir. Am faca sibh Glaschu riamh.
Iain.
(Le mdr thogair.) ’S mi chunnaic ! B’e sud an t-aite.
Aonghas .
[A’ tilgeadh smugaid anns an teine.) Cha d’thugainn sud
air Glaschu.
Mrs. G.
Co dhiubh chithear rad-eiginn an Glaschu. Ann an so
chan fhaic thu dad ach a’ ghealach.
Aonghas.
Tha sin fior, ach c’aite 's na bailtean mora am faighear
sluagh cho riaraichte 'sa gheibhear ann an Eilean Arois.
87 .