Skip to main content

‹‹‹ prev (82)

(84) next ›››

(83)
’S LEAM FHIN AN GLEANN
An Coirneal.
Foghnaidh cuig.
[Tha ’n Caiptein a’ toirt an airgid do’n Choirneal,.
agus a’ cromadh a thogail na litreach. Tha ’n Coirneal a
crathadh nan notaichean air a chhlaobh, ’s a toirt rabhaidh
do dh’ Aonghas e ’gan gabhail. Tha ’n Coirneal agus
an Caiptein a’ dot am mach troimh’n dorus mhor.
Tha Aonghas a' sealltuinn air an airgiod le ioghnadh—
’ga chur ’na phbca—a’ tachas a chinn mar nach b'urrainn
da gnothuichean a thuigsinn, a’ lasadh na pioba air a
shoe air.)
Mrs. G.
{A’ tighinn a stigh an dorus cuil, agus Bean
Dhonnachaidh Croitear comhla rithe.)
Thig a stigh, a bhean, thig a stigh. Gheibh mise
MacPheadrain dhuit.
(Tha Mrs. Galletly ’dot am mach an dorus mor.)
Bean Dhonnachaidh.
Tha latha math ann, Aonghais.
Aonghas .
Tha sin ann, a Bhean Dhonnachaidh. Air mo shon fhein
dheth, saoilidh mi gur h-e so latha cho math ’s a b’urrainn
a bhi—(a’ tachas a chinn.) An robh e ’nad bheachd tiodhlac
cuig notaichean a thoirt domh ?
Bean Dh.
(A’ gabhail iongantais). Cuig Notaichean! Muire !:
Aonghais, 's mise nach robh !
77