Skip to main content

‹‹‹ prev (53)

(55) next ›››

(54)
’S LEAM FHIN AN GLEANN
Murchadh.
Gu de, a luaidh a tha thu ag radh ?
Morag.
A ’dol a’ sgaineadh na Beinne as a cheile, ambheil?—
A reic an anama airson nam bonn airgid. Mo chreach ! ’s
mo thruaighe!
Murchadh.
A Mhorag—Aonghais.—An do chaill thu do chiall?
Morag.
’S mi chaill {a’ comhdach a h-aodainn le ’lamhan agus a’
gul) Agus co, saoil thu, a thug bhuam i ?
Murchadh .
[A ’cur a ghairdeanan m ’a tiomchioll.) Cuist! A nis,
a Mhorag. C’arson a bhiodh tu cho trom orm agus mi ’g
iarraidh mo chor a leasachadh air do shon fhein ?
Morag.
(’G a fuasgladh fhein.) ’S gu de ’m buannachd a bhios
ann dhomhsa ma tha Eilean Arois gu bhi air a stroiceadh as
a cheile?
Murchadh .
Direach sin.—An t-seann chomhstri ! Bha thu riamh air
taobh nan seann chleachduidhean Gaidhealach. Na frithean
fo na feidh ’s na sleibhtean fo na caoraich ! Frith-rathad
nan drobhairean far am bu choir a bhi rathad mor an Righ.
Morag 'na caillich a’ cardadh 's a sniomh—'s a suas le
bochdainne an t-sluaigh !
48