Skip to main content

‹‹‹ prev (40)

(42) next ›››

(41)
’S LEAM FHIN AN GLEANN
An Coirneal.
Tha thu ann am feum airgid ?
An Caiptein.
Chan e feum ach eiginn, athair. ’S i ’n fhirinn as
fhearr. Chuir mi airgiod ann am meineachan Africa, ’s
chan e mhain gun do chaill mi h-uile sgillinn dheth, ach
gu bheil mi na miltean punnd Sasunnach ann an ainbheach.
An Coirneal.
Ni Math g’am chuideachadh !
An Caiptein.
Tha aithreachas gu leoir orm a nis. Is cruaidh oirbh
amaideas 'ur mic, athair. Ach tha gliocas air teachd, agus
paidhidh ‘ ‘ Haematite ’' na chaill mi.
An Coirneal .
O ! Thearlaich, nach truagh nach do chuir thu do
chomhairle rium !
An Caiptein.
Sin rud nach b’urrainn domh ’dheanamh. Chuimhni
mi oirbh, ach bha ’n uine goirid, agus bha nT eiginn m6r. ch
An Coirneal.
Gu de am math a bhi bruidhinn? Nach ann air a’
Ghaidhealtachd a thainig an da latha! Dh’fhalbh na seann
nithean, ’s na seann doighean uasal. Tha ’chaora ’s an
damh donn ri bhi air an sguabadh air falbh, agus Haematite
r’a chur ’nan aite.
An Caiptein.
Tha gradh diithcha beusach gun teagamh, ach cumamaid
e ’na aite fhein.
35