Skip to main content

‹‹‹ prev (15)

(17) next ›››

(16)
14
sgairbh ag- iasgach air an toiseach lionaidh, is rolag gheal ’na
cabhaig mu mhuineal a h-uile te dhiubh.
Mairi [A’ fdsgadh a Idmh)—O; nach e am mi-fhortan el
Nach ann oirnn a thuit an latha !
Sir Iain (An cabhaig ri Murchadh)—Glaodh a steach Eacbann
is Eoghann. Cabhag ! cabhag! A bhalaich. (Theid Mur¬
chadh am mach.) Glac faighidinn, a Mh&iri. Thoir thu fein
agus na mnathan as ;sa mhionaid. Bidh sibh na’s tearuinte
air corsaichean Locha Muighe na an so.
Mairi (A ’ togail a Idmh)—Mise! An e gum fagainn thu
san anfhadh! Chan fhag; chan fhag. Theid mi troimh
h-uile cunnart leat. Leanaidh mi riut, Iain, cho dliith ’s a
leanas a’ bhairneach ris a’ chreig, no an eidheann lag ris an
darach gharbh. O, mo chreach leireadh ! Leanaidh, Iain.
(I a’ cur a Idmh uime.)
(Thig na gillean a steach.)
Sir Iain (Ris na fir)—A Mhurchaidh, biodh na gunnachan air
an laimhseachadh an uair a thig a’ chabhlach an astar urchrach.
Cum air an ais iad gus am faigh na daoine cruinneachadh.
Eachainn, fadaidh teine air Beinn nan Leac a chum ’s gum
freagair gach beinn eile an Rath-innis, is gun gairm iad am
mach mo shluagh as gach ciiil air mo chriochan.
Eoghainn, cuir a chrois-taraidh air feadh gach slios as faisge
a chum a’ cheud tilleadh a thoirt as na balgairean.
Agus, a Phadruig, seas air turaid agus eigh na
h-urchraichean.
Biodh gach lamh an greim. Chan ’eil uine r’a call. Tha
ar feachd lag, agus feumaidh gach fear a bhi ’na thriuir gus am
faicear ciod e a chuireas a’ mhaduinn oirnn.
(Theid na fir am mach.)
Gabh socair, a Mhairi, ’s bi gleusda. Cum misneach an
each. Bidh mise lamh riut an ceartair.
(Cluinnear urchair.)
Mairi—Obh ; obh ; obh ! Mo cheann ’ga sgaineadh ! O,
Iain, c’ ait’ am bheil thu?
(Tilgidh Mdiri i fein an tulg, ’s a Idmhan nTa ceann. Thig
mnathan a steach a' sgreuchail.)
Sir Iain (A’ tighinn a steach)—Cum suas, a Mhairi. Bithibh
sgairteil air fad mar a fhreagras do mhnathan Rath-innis.
(A’ togail a ghuth.) Ciod e mar tha ’n te ud, a Phadruig
Padruig (Cluinnear a ghuth)—Mu thri cheud slat air an
taobh so dhiubh.