Skip to main content

‹‹‹ prev (13)

(15) next ›››

(14)
thogas airm, is far am bheil siiilean nam ban ’s na cloinne
fathast flinch a’ caoidh nan laoch a thuit as leth cuise duineil a
reir am beachd. Ach cha mheataich—ach gu’n geanaich sin
siol na ceilge air oidhirp a thoirt air cur r’a raointean farsuing
fein. Tha iighdaras bho ’n Ard-riaghladh a’ toirt a’ chothroim
sin da. Chan ’eil aige ach gearan a dheanamh gu bheil am
fear ud, no am fear ud eile, rag-mhuinealach no aimhreiteach
’na ghiulan r’a choimhearsnaich, ’s tha ughdaras air a sparradh
’san dara laimh aige is claidheamh gun seirc san laimh eile ;
is an uair a tha ’n t-am freagarrach—mar tha e do mo thaobh-sa
an drasd—bruchdaidh e mach mar eas ri cliathaich sleibhe.
Chan e idir tarbh ban na da chluais dheirg a riaraicheas Fear
a' Ghlinne, ach an treud air fad, mar dirig, bho ’n aon air an
leag e a lamh mar cheannairceach. Ach ciamar, a Mhurchaidh.
a leag thu amharus gu bheil gluasad am measg laoich is luchd-
leanmhuinn Fear a’ Ghlinne?
Murchadh—An am tillidh dhuinn o mhargadh na h-Eaglaise
Brice bha fir le ’n cuid arm a’ tachairt oirnn anns gach bealach
a chuireas sgaradh eadar binnean is binnean an criilaistean nan
garbh-chrioch mu’n cuairt Ghlinne-fraoich ’s a chuid ghleann.
Sir Iain [A’ smaointinn)—Is sin gu bheil toisichean beaga
Ghlinne-fraoich air fad a’ tighinn am mach mar ghadhair air
lomhainn a chum na seilge.
Murchadh—Is e sin mo throm amharus. A’ tighinn am
mach bho far am bheil na lochan samhach mu dheas a’ pogadh
nan gleann gus an airde ’n iar-thuath far am bheil Rath-innis
a' cur dion o’n chuan air tir-mdr.
Sir Iain—Agus ciod eile, a Mhurchaidh, a neartaich do
bheachd gur e Rath-innis ceann an seud ’s an siubhail?
Murchadh—Gu’m faca sinn, le ’r cead, birlinnean is longan
fada ag acrachadh an Long-phort cho tiugh ris na h-eoin
dhubha an uair a bhios an sgadan an Caol Rath-innis ; is na
maraichean, an uair bha sinn a’ dol seachad dliith orra, ay
sealltainn tarsuinn an Caol is ag radh : “ Bidh an sgeir ud
fodha leis an lionadh. Theid sin tuath air an te ud ; is tha
Traigh nam Fiadh air fuaradh air an te ud eile.”
Sir Iain—Comharran gu leoir. Faodaidh e bhi gu bheil
ceudan birlinn cheana a’ fagail Long-phoirt ’nan deidh, agus a
toirt Rath-innis dluth orra. Cuir an gocaman ’sa mhionaid a
ghleidheadh suil am mach. Biodh na gunnachan air Cnoc-
gorm deas gu losgadh; agus biodh freiceadan daonnan
goireasach. “ Cha’n e latha faghaid nam fiadh latha biadhadh
nan con.” Thoir sgeul chugam ’sa mhionaid a rithis. Bi
ealamh, a nis.
(Theid Murchadh am mach. Thig gnog do ’n dorus agus
thig Mdiri Loch-Muighe, leannan Shir Iain, a steach.)
Sir Iain—A Mhairi, a ghaoil nam ban. ciod e a ghluais ort le
a leithid de chabhaig is nach do dhealaich do shrol marcachd ri