Skip to main content

‹‹‹ prev (11)

(13) next ›››

(12)
IO
Fear a’ Ghlinne—Ud, ud a Pheigi, Ciod e a th’ ort?
Peigi—O, Fhir a Chno—Fhir a’ Ghlinne, ’s e b’ aill leam a
radh—Tha mo chas uireasbhach o ’n thuit mi bharr faradh nan
cearc an la roimhe. O, mo ghlun !
(A a seirbhisich a’ pluchadh orra na gdireachdaich.)
Fear a' Ghlinne—O cha bhi dad ort. Thig- mar so. Am
piobaire? ’Steach am piobaire. Thigibh an so air fad. (Ri
gille-coise.) Glaodh a steach na mnathan nasal air fad.
Steach sibh. Tha la mor an so an diugh.
(Thig am piohaire a steach ’s e a’ cluich roimh 'n chuideachd
mnathan uaisle an tighe ’na dheidh, ’s an sin na seirbhisich.)
Peigi Mhor (A ’ ruidh ’s a’ sgiathalaich am measg na
cuideachd)—O, chan aithne dhomhsa dannsadh idir. O, tha
mo ghlun goirt. (/ falbh crubach.) O, mo ghliin ! Cha teid
mise a dhannsadh an diugh.
Seirbhiseach—Cha teid thu a dhannsadh an ding, ding. (An
guth biorach.)
Peigi—Cha teid, no an sing, sing.
Fear Locha-Sgalain—Theid thu a dhannsadh leamsa, a
Pheigi. Suas, a phiobaire. Suas i; suas i ! Thoir dhuinn—
thoir dhuinn “ Calum crubach,” agus an sin Ruidhle
Thulachain—“ Stiodach ’s am mionach as.” Coisich, a Pheigi.
Peigi—O, Fhir Locha-sgalain, chan urrainn mise dannsadh
ann. O, tha mo ghlun cho goirt.
(Tdisichidh an dannsadh. Peigi a’ plabartaich troimh ’n
ruidhle. Nuair bhios e seachad bidh i gun ded analach.)
Peigi—O ; O ! Tha m’ anail am uchd. Is fhad o nach do
dhanns mise ruidhle roimhe. O, leigibh dhomh suidhe.
(Theid deoch mu’n cuairt.)
Fear Locha-Sgalain—Olair mo shlainte-sa a nis, a Pheigi.
Peigi (Cuach ’na Idimh)—Air bhur slainte air fad. Air
slainte Fear a’ Ghlinne, Fear Locha-sgalain, Fear a Chnoic—
Cha b’e bu choir a bhi air deireadh : fear duthcha do mo
sheanmhair. Fear Udagail (Aig so gdirichidh a’ chuideachd)—
L lagadail—Lddagail. Droch coinneamh air Uldagail. Chan
urrainn mi a radh.
Aon de’n Chuideachd—xAbair Ug-a-dail.
Peigi—Ug-a-dail—Fear Udagail. Sin agaibh e. Air bhur
sl&inte air fad. Chan urrainn mi dol troimh ’n chorr. Slainte
(An deidh na sldinte bidh i a’ call a h-analach.)
Peigi-—O ; O ! ’S ann a chaidh e sios mo shlugan mar
gu’m biodh cat an comhair ’earbuill. O ; O !