Skip to main content

‹‹‹ prev (66)

(68) next ›››

(67)
SEINN ORAN O BHEUL-AITHRIS ANNS AN T-SEANN NOS
Beul-aithris
’S e ’n t-6ran as fhearr, fear a thog thu o do theaghlach fhein, neo anns a’
choimhearsnachd agad fhein, ach mura gabh sin deanamh, faigh drain aig cuideigin a
tha edlach air an dualchas, neo far teip o leithid a neach. Tha cuid de sgoiltean far an do
dh’ionnsaich clann drain mhatha, ach feumar an aire thoirt nach ann o obair sgriobhte a
thainig na fuinn.
Chan leig am fonn a sheinneas tu a leas bhith pong air phong mar a tha e ma tha e ann an
cld. Mar as trice, tha na fuinn a tha air drain Ghaidhlig annasach agus duilich an togail
do neach nacheil edlach air an dualchas. Tha e nas fhearr ma thogas tu na faclan
cuideachd o bheul-aithris, ach chaneil sin cho cudromach, oir's e fior bheagan de
dh'drain Ghaidhlig nacheil na faclan aca sgriobhte am bad-eigin.
Feumaidh an t-dran a bhith buntainn do’n dualchas Gaidhlig a thaobh meadrachd is
fonn, ach cha ruig e lead a bhith scan.
Faodaidh an t-dran a bhith aotram, eibhinn, neo trom, tursach, ach feumaidh diirachd a
bhith air a chul. Mar eisimpleir, ’s iongantach gu robh cailin neo Mdrag shdnraichte
sam bith air aire nam bard a rinn Cailin mo ritin-sa, neo Mdrag a Dun-Bheagain.
Chaneil doimhneachd neo durachd anns an smuain a tha annta. Tha mdran dran mar
seo ann, agus tha e na’s fhearr an seachnadh airson na co-fharpais seo. Tha drain ann air
a bheil droch bhardachd, agus fonn gun seadh, agus faodaidh na britheamhnan cur sios
air an leithidean sin.
An seann nos
Tha am fonn a’ cdmhdach nam faclan agus a’ cur bdidhchead ris a’ bhardachd. Ma tha
na faclan air an libhrigeadh ann an doigh chothromach, thig an cedi ceart leis fhein, agus
tha seo gu h-araidh Fior a thaobh riotham. Cha ruig thu leas slioraichean a chur ’nad
ghuth ach ma tha iad agad gu nadarra, na bath iad air chor sam bith.
Na dean dran mdr de dh’dran beag. Na dean cus spairn gus ’ciall’ an drain a shealltainn.
Innis naidheachd an drain, chan ann mar gum biodh tu air ard-iirlar ach mar biodh tu
ann an taigh-ceilidh. Seinn gu durachdach, leig do ghuth a mach, ’s ni an t-dran fhein an
cdrr.