Skip to main content

‹‹‹ prev (49) Earrann 3, An Dùdlachd, 1932Earrann 3, An Dùdlachd, 1932

(51) next ››› Page 35Page 35

(50) Page 34 -
34
AN GAIDHEAL.
An Dudlaclid, 1932
na h-earba, agus gach creutair de’n ghne
sin. am mang, a’ mhaoisleach, an eilid bheag
bhinneacb, agus fear na croice fein. Tba
an gunna is an cu-eunaich a’ faotainn aite
freagarrach anns a’ bhardachd cheudna.
*******
Tha na h-6rain mhara gu maith pailt fathast,
agus tha coltas gu’n robh moran dhuibh air
an deanamh le feadhainn a bha a’ siubhal
fairge mar obair. Cia lion bran gaoil a rinneadh
le sedladair? Cia lion luinneag anns a bheil
iomradh air direadh chrann is pasgadh shebl?
Gled dh’fhaodas na tonnan eirigh suas agus
na gaothan seideadh cha bhi an sud ach
comhsamhlachd air an iargainn a tha an cridhe
an t-seoladair a’ cuimhneachadh a leannain
air tir. Agus an ni tha fior a thaobh luchd-
mara tha a leithid fior mar an ceudna a thaobh
luchd-airm. Tha cuid de na h-drain
Ghaidhealach a’ tighinn air gaisge agus
treubhantas. Tha diarras is cruadal air an
dusgadh le cogadh; agus is minig a thug
deuchainn nam batal spiorad na bardachd
beo. Fosgail comh-chruinneachadh bardachd,
gu h-araidh anns an t-seann aimsir, agus
gheibh thu dearbhadh gu bheil e buailteach
do ’n t-saighdear a chuid fhaireachaidhean
a chur an ceill am bardachd ghaisgeanta.
*******
Air dhomh a bhi a ’ leughadh seann bhardachd
o chionn ghoirid thachair rann orm a tha
gle luachmhor an coimhcheangal ris an oidheirp
a tha air chois aig an am a chum a’ chlarsach
ath-bheothachadh. Gheibhear an rann anns
a’ chumha a rinneadh leis a’ bhean uasail Silis
Ni’n Mhic Raonaill na Ceapaich do Lachlainn
MacFhionghuin an clarsair. Tha e coltach
a reir fianuis nam facal gu’n robh a’ bhean
uasal so ’n a ban-seinneadair i fein, agus gu’n
robh e mar chleachdadh aice a bhi a’ seinn le
cedi na clarsaich. Tha so a’ dearbhadh dhuinn
gu’n robh sin fasanta am measg uaislean na
Gaidhealtachd bho chionn da cheud bliadhna.
Tha an rann mar leanas :
’Nuair a ghlacadh tu do chlarsach,
’S a bhiodh tu ’g a gleusadh lamh rium,
Cha mhaith a thuighte le h-umaidh
Do chuir-chiuil, ’s mo ghabhail dhan-sa.
Tha rann eireachdail eile mu chluich na
clarsaich an Oran Mor Mhic Ledid, leis a’
Chlarsair Dhall, far am faic sinn an clarsair
fein mar bhard.
CRAOBH-SGAOI LE ADH.
An Airde Tuath.
Chumadh coinneamh de luchd-comhairle na
h-Airde Tuath ann am baile Inbhirnis air
Disathuirne, an coigeamh la deug de’n Damhar.
Bha ochd deug de na buill an lathair agus bha am
Fear Gairme, Mgr Domhnull MacDhomhnuill,
anns a’ chathair.
Chaidh gnothaichean a chur an ordugh a
chum agus gu’m biodh am Fear-deilbhe a’
gabhail a chuairt do’n taobh tuath, agus gu
sonraichte do Shiorramachd Chataobh a
bhrosnachadh pharantan iad a dh’fhaotainn na
Gaidhlig air a teagasg do an cloinn anns na
sgoilean. Chaidh frith-chomhairle a thaghadh
gu bhi a’ feitheamh air Mgr Uisdean A. Ros,
Fear seolaidh an Fhoghluim an Cataobh, a
chum an rim so a thoirt gu buil, agus tha
dochas aig buill na Comhairle gu’n tig an
cdmhradh so gu deagh chrlch.
Leughadh litir a Abriachan ag iarraidh
stiuraidh a chum meur de’n Chomunn a chur
air bonn anns an aite sin. Chaidh earbsa ris
an Fhear-dheilbhe gach cuideachadh a thoirt
seachad agus meur a steidheachadh.
An Airde Deas.
Tha obair a’ Chomuinn anns an Taobh Deas
a’ sior dhol air adhart. Aig toiseach an t-seisein
bheachdaich Fo-chomhairle a’ Chraobh-
sgaoilidh air gach oidheirp a bhiodh iomchuidh
a chum am barrachd soirbheachaidh a bhi
a’ leantainn saothair is obair a’ Chomuinn anns
a’ chearn so de’n duthaich. Tha luchd-teagaisg
ciuil a nis gu dealasach an ceann an gnothaich
an Arainn agus an Dailriada far a bheil
Mgr Iain MacDhiarmaid and Mgr Uisdean Mac
Gill-Eathain a’ saothrachadh.
Bithidh oidheirp air a toirt a chum is gu’m
bi teachdaire bho’n Chomunn a’ tadhal air gach
meur a chum a bhi ’gam brosnachadh agus
’gan neartachadh ’nan dleasnas do’n chanain.
Thugadh iomradh aig a’ choinneamh mu
dheireadh gu’n do chuireadh air bonn buidh-
eannan Gaidhlig an sgoil Hamilton Crescent,
Glaschu, a bharrachd air gach sgoil eile anns am
bbeil a’ chanain air a teagasg bho bhliadhna gu
bliadhna mar tha Ard-sgoil Ghlaschu, Ceilidh
Ard-sgoil Ghlaschu, Clydebank, Baile Phaisli,
Dun-Breatann agus Alecsandria. Thugadh
iomradh, mar an ceudna, air mar a tha moran
de na paipearan naidheachd a’ tabhairt aite
urramach do’n Ghaidhlig. Tha so ’na
chuideachadh mor do aobhar na canain agus tha
na paipearan ri am moladh air son na h-obair
ionmholta tha iad a’ deanamh.