An Comunn Gàidhealach Publications > Gaidheal > Volume 28, October 1932--September 1933
(49) Earrann 3, An Dùdlachd, 1932
Download files
Complete book:
Individual page:
Thumbnail gallery: Grid view | List view

f
EDITOR.—Rev. NEIL ROSS, D. Lilt., The Manse, Laggan, Kingussie, to whom all literary communication
should be addressed; business and other communications to 212 West George Street, Glasgow.
Telegrams.—Runaire, Glasgow. Telephone—Douglas 1433.
Leabhar XXVIII.J An Dudlachd, 1932. [Earrann 3
BARDACH D IS DREUCHDAN.
An uair a theid neach a sgriobhadh sios a
chuid smuaintean is dualach gu’n cuir e feum
air comhsamhlachd no a leithid sin gus na
smuaintean a dheanamh na ’s soilleire do’n
leughadair. Tha gnathsan cainnte de’n ghne
sin anabarrach cumanta an saothair nam
bard. Abair gu bbeil bard a’ miannachadh
doigh chainnte mar sin a chleachdacb. Ciod
e an seorsa comhsamblacbd as luaitbe thig
gu ’inntinn. Thig samhladh nan nithean air
a bheil e gle eolach. Ma ghabhas tu beachd
air comhradh do chairdean, agus iad a’ feuchainn
ri puing sam bith a mhineachadh dhuit, chi
thu mar is trice gu bheil an doigh labhairt
a’ toirt comharradh air an obair laitheil, no
air a’ cheaird no an dreuchd a tha iad a’ lean-
tainn.
* * * * * *
Is minig a chluinnear aig na cuirmean ciuil
an t-dran binn ud Seinn an Duan so, a rinneadh
leis a’ bhard chiatach sin an Lighiche
Maclachuinn, Rathuaidh. Tha na facail agus
am fonn le cheile taitneach. Tha aon de na
rainn anabarrach grinn airson nan
comhsamhlachdan tlachdmhor leis a bheil am
bard ag innseadh mu mhaise na maighdinn.
Tha do chomhradh gu blasda binn leam,
Do phdg ua’s milse na mil an fhraoich,
Is t-anail chiibhraidh tha mar na h-vlhlan
Tighinn reidh gun tuchan 0 d’mhuineal caoin.
Anns an da shreath mu dheireadh de ’n rann
sin chi thu comharradh an lighiche. Tha e
mar gum b’eadh ag eisdeachd troimh an inneil
bhig leis an cluinn e bualadh a’ chridhe agus
fuaim nan cuislean. Agus mar tha e a’
rannsachadh gu ciiramach tha e a’ mothachadh
gu bheil tarruinn na h-analach comhnard,
ciuin. Tha an anail cubhraidh mar bholadh
urar nan ubhal. Agus tha an anail reidh;
chan eil cnead no tuchan anns an uchd. Agus
ged tha sin ’n a chuis thaitneis do’n bhard
tha e mar an ceudna ’n a dhearbhadh air
fallaineachd do ’n lighiche. Dh’fhaodainn
rann a dran eile leis a’ cheart ughdar
ainmeachadh, gus a bhi a’ nochdadh na riaghailt
cheudna ; gus a bhi a’ nochdadh gu bheil a’
mhaise is fearr a’ comhlachadh slainte. Is
e so an rann :
Mile beannachd leat an nochd,
Cadal dhuit gun sprochd gun ghruaim;
Sian gun aiceid feadh do cMeibh
Anns a' mhaduinn ’g eirigh suas.
* * * * * * >»
Anns na h-drain aig Donnachadh Ban tha
iomradh air an t-seilg ri fhaicinn gle bhitheanta.
Bu shealgair esan; agus bha na facail agus
na gnathsan cainnte a bhuineadh do’n t-seilg
nadurrach dha. Tha Moladh Beinn Dorain
iomraideach airson beairteas nam briathran
a tha air an cleachdadh, a’ luaidh air maise
na beinne, air na lusan a tha ’fas air a slios,
agus gach fuaran flor-uisge a tha a’ bruchdadh
a mach air leud an aonaich. Ach ged tha sin
gu leir iongantach, is e tha ’n a aobhar ioghnaidh
mar thug am bard cunntas mionaideach air alt
'S sedltachd an t-sealgair ; air coltas is ddighean

Set display mode to:
Universal Viewer |
Mirador |
Large image | Transcription
An Comunn Gàidhealach > An Comunn Gàidhealach Publications > Gaidheal > Volume 28, October 1932--September 1933 > (49) Earrann 3, An Dùdlachd, 1932 |
---|
Permanent URL | https://digital.nls.uk/127131600 |
---|
Description | This contains items published by An Comunn, which are not specifically Mòd-related. It includes journals, annual reports and corporate documents, policy statements, educational resources and published plays and literature. It is arranged alphabetically by title. |
---|
Description | A collection of over 400 items published by An Comunn Gàidhealach, the organisation which promotes Gaelic language and culture and organises the Royal National Mòd. Dating from 1891 up to the present day, the collection includes journals and newspapers, annual reports, educational materials, national Mòd programmes, published Mòd literature and music. |
---|---|
Additional NLS resources: |
|