Skip to main content

‹‹‹ prev (28) AdvertisementsAdvertisements

(30) next ››› Page 18Page 18

(29) Earrann 2, An t-Samhain, 1932 -
MOD NUMBER.
EDITOR.—Rev. NEIL ROSS, D. Lilt., The Manse, Laggan, Kingussie, to whom all literary communication
should be addressed; business and other communications to 212 West George Street, Glasgow.
Telegrams.—Runaire, Glasgow. Telephone—Douglas 1433.
Leabhar XXVIII.J An t-Samhuin, 1932. [Earrann 2
ORAID A’ CHINN-SUIDHE.
Rinn an Ceann-Suidhe an oraid so aig fosgladh
Mod a’ Ghearasdain:—
A Mhnathan is a Dhaoine Uaisle,
Aon turns eile tha sinn a’ cur failte oirbh
gu Mod a’ Ghearasdain. Is cubhaidh gum
biodh buill a’ Chomuinn a’ cruinneachadh gu
bhi a’ toirt misnich d’a cheile, agus a’ gabhail
beachd air adhartas an aobhair ann ar tir.
Is cuis ghairdeachais gu bheil obair A’
Chomuinn a’ leantainn air an aon rian. Is
fortanach nach tainig roinn am measg ar
luchd-oibreach timchioll air stat no air creid-
eamh. An fheadhainn a shuidhich An Comunn
0 chionn da fhichead bliadhna ghabh iad an
run so mar riaghailt, gum biodh obair A’
Chomuinn ’g a cumail saor an comhnuidh o
dheasbaireachd mu bheachd eaglais no mu
chuis shiobhalta. Tha na ceistean sin iom-
chuidh gu leor ’n an aite fein. Gidheadh
chan iad sin crioch araidh A’ Chomuinn. Is
1 crioch araidh A’ Chomuinn a’ chanain, an
cedi, is an litreachas a chumail suas. Tha e
riatanach gum biodh clann nan Gaidheal ri
guaillean a cheile anns an oidheirp dhian so.
Mar is mo an aontachd is ann is treise an
ionnsaidh. Air an aobhar sin is coir gach
cuspair a sheachnadh ma dh’aobhraicheas sin
aimhreit no consachadh. Cho luath is a
cheadaichear argumaid mu eaglaisean no mu
ghnothuichean siobhalta tha sinn gun dail a’
fosgladh doruis do mhi-chordadh am measg
nam ball. Tha mi a’ tarruinn air a’ cheist
so gu bhi toirt rabhaidh an am iomchuidh,
air eagal mu ’m biodh meanglan no ball sam
bith a’ gabhail cothruim air coinneimh mean-
glain no ceilidh a thionndadh gu coinneimh
chonsachaidh mu chuisean an stat a. Ma
bheir na facail so oilbheum do neach sam bith,
chan eil arach air. Is e mo dhleasnas mar
cheann-suidhe an rabhadh a labhairt am
mach. Agus is fearr dhuinn beagan bhall a
bhi ’g ar treigsinn, na gu ’n rachadh long
mhor A’ Chomuinn air na creagan le droch
stiuradh.
Tha mi an diiil nach eil feum an diugh a
bhi a’ caoidh na chaill sinn. Cha dean e feum
no stath dhuinn a bhi dubhach airson na
dh’fhag sinn as ar deidh. Is ann a tha ar
gnothuch ris an am ri teachd, agus ris an al
6g a tha ag eirigh suas. Is dualach gu’m fag
muinntir obair A’ Chomuinn aig feadhainn eile
ri a deanamh. Bha so riamh ’n a aobhar
laigse, nach robh gach aon a’ tarnung a chuid
fein de’n uallach. Ma ni a h-uile duine a tha
anns an eisdeachd rim ur an larach nam bonn,
gum bi esan dlleas do ’n Ghaidhlig, theid