Skip to main content

‹‹‹ prev (8)

(10) next ›››

(9)
Sruth, Di-ardaoin, 26 latha de’n Og-mhios 1969
Naidheachdan Mu IVIa h-Eaglaisean
Air A’ Ghaidhealtachd
Le “ FEAR-FAIRE ”
EAGLAIS NA H-ALBA
Cuairt a’ Mhoderator
Bho’n thainig an aireamh mu
dheireadh de’n phaipear seo
a-mach tha am Moderator, Am
Fior Urr. Tomas M. MacCal-
main, air a bhith a’ tadhal air
Cleir Inbhir Aora. Thug am
Moderator seachad a bheachd
air cuisean Gaidhealach, gu
h-araidh an suidheachadh ur a
th’aig Coimisean nan Croitearan
’san amharc a thaobh croitean
na Gaidhealtachd, agus an
obair a tha Bord Leasachaidh na
Gaidhealtachd agus nan Eilean
a’ deanamh. Bha eagal air gum
biodh moran de na croitean air
an reic nam biodh na croit¬
earan ’nan luchd-seilbh orra,
agus gum faodadh seo a bhith
’na mheadhon air aiteachan a
bhith air am fasachadh. Bha
uallach air a’ Mhoderator gum
bheil Bord na Gaidhealtachd
cho trang le oibrichean mora air
a’ chorsa an ear agus nach ’eil
iad a’ deanamh gu leor airson
oibrichean a chur air chois air
an taobh an iar. Nuair a
thoisicheadh an obair air leagh-
adair Inbhir-gordain tharraing-
eadh sin daoine air falbh o’n iar.
Rinn Am Fior Urr. MacCal-
main iomradh air an aite shon-
raichte a th’aig ministear air a’
Ghaidhealtachd. Gu trie bha
aige ri bhith ’na chleireach an
t-seisein, ’na fhear-stiuiridh air
an Sgoil Shabaid agus ’na
mhaor-eaglais a chionn nadi
gabhadh duine eile na rudan
sin os laimh.
Seirbhisean Gcadhedach
Air Latha na Sabaid seo
chaidh chraobh-sgaoil am B.B.C.
da sheirbhis a coimthionalan ’s
na h-Eileanan an Lar. ’Sa
mhadainn thainig an t-seirbhis
Bheurla a’ eilean Thiridhe, agus
bha an t-Urr. Uilleam Mac-
Leoid air a ceann. Chaidh an
t-seirbhis Ghaidhlig a riocor-
dadh arm am Bearnaraigh na
Hearadh. Bha an t-Urr.Ruair-
idr MacLeoid a’ searmanach
adh, agus a’ togail an fhuinn
arms an t-seann nos bha Mgr.
Seonaidh MacTlip.
Moderator Ur
Nuair a choinnich Cleir Uibh-
ist air an t-seachdain seo chaidh
bha an t-Urr. Tormod Domh-
nallach, ministear a’ Chlachain,
air a thaghadh mar Mhoderator.
Tha Mgr. Domhnallach ainmeil
mar sgriobhaiche Gaidhlig agus
thainig cuid de a shaothair am
folliais anns “A’ Ghaidheal,”
arm an “Gairm” agus ann an
“ Sruth.”
Meal-cm-ncddheachd
Anns a’ chunntas bhliadh-
nail aig Comunn Naiseanta a’
Bhiobuill tha am Prof. Urr.
Seoras Collins a’ sgriobhadh
mar seo mu dheidhinn Modera¬
tor ur Eaglais na h-Alba: “Tha
sinn a’ cur meal-an-naidheachd
air ar caraid agus ar fear cuid-
eachaidh, an t-Urr. Tomas
MacCalmain, a chaidh a rogh-
nachadh o chionn ghoirid gu
bhith ’na Cheann-suidhe air
Ard-Sheanadh Eaglais na h-
Alba air a’ bhliadhna seo. Chau
’eil Gaidheal no Gall math no
deas nach meas gur airidh e air
an urram mhor seo, chan ann a
mhain airson a dheagh obair
mar mhinistear-sgire an Gleann-
eilge agus ann am baile mor
Ghlaschu, agus mar chomhair-
liche glic ann an obair na
h-Eaglais thall ’s a bhos, ach
airson a sgoilearachd gu h-
araidh ann an litreachas nan
Ceilteach. Tha ar Comunn fhein
fo mhor-fhiachan dha airson a
shaothair a thaobh nan Sgriob-
mirean Gaidhlig a chur an clo
anns a’ ghlionead as mo, agus
a thaobh gach cuideachaidh eile
a tha e a’ toirt dhuinn mar bhall
de ar comunn-riaghlaidh.
’Gu fan a bhogha ’na neart,
agus gun deanar gairdeana a
lamh laidir le lamhaibh De
chumhachdaich lacoib’.”
agus bha corr is ceithir cheud
aig an t-seirbhis.
Leabhar Ur
Tha an t-Urr. U. B. Mac-
Neacail, ministear na h-Eaglaise
Saoire ann am Ploc Loch-
aillse air leabhar ur a sgriobh¬
adh air am bheil an t-ainm “A
Defence of Evangelical Theo¬
logy.” Tha 270 taobh-duilleig
’san leabhar, agus tha e a’ cosg
deich tasdain. Tha duil againn
sgrudadh a dheanamh air ann
an aireamh eile de’n phaipear
AIR TUR Cnil nan Ceist-6
NA Fuasgladh
_ 1. lolair-uisge no iolair-ias-
FARE ®aich
* 2. An sgarbh.
3. (a) Breac-an-t-sil.
(b) Sulaire.
(c) Chuachag. (A’ chuthag.)
4. A reir seann eachdraidh
bhiodh coileach 'ga chur ’na
fhaireachadh aig meadhon-
oidhche, uair na h-urnuigh.
5. Anns an t-seanfhacal ’se an
dreathan donn a thubhairt
AN EAGLAIS SHAOR
Posadh-coimhtkioncdl
Bho chionn ghoirid chaidh
an t-Urr. Iain MacLeoid, M.A.,
a shuidheachadh mar mhinis-
tear ann an Gearr-loch. Buinidh
Mgr. MacLeoid do Sgalpaigh
na Hearadh, agus bha e ’na
mhinistear ann an Uige Leodh-
ais agus ann an Siabost. A’
searmonachadh aig seirbhis a’
phosaidh bha an t-Urr. Iain
MacGhill’-Iosa. Chomhairlich
an t-Urr. U. B. MacNeacail am
minister ur ann am briathran
freagarrach, agus fhuair an
coimhthional faclan earalach-
aidh o’n Urr. Niall Domhnal¬
lach. Bha moran chcigreach a
lathair a coimhthionalan eile.
AN EAGLAIS SHAOR
CHLE1RE1L
Orduighean
Air an t-Sabaid mu dheir¬
eadh de’n mhios seo bidh Sac-
ramaid Suipeir an Tigheama
air a frithealadh ann an coimh¬
thional Inbhimis. Air ceann a’
choimhthionail seo tha an t-Urr.
Aonghas MacCaoidh.
a’ Chananach Sidni MacEogh-
ain, an seinneadair iomraiteach,
uallach coimhthionail a leigeil
dheth. Ach an deidh dha bhith
greis ’san Spainn tha e air
spionnadh ur fhaighinn agus
bidh e air a shuidheachadh mar
shagart ann an Cinn a’ Ghiuth-
saich. Air an 29mh latha de‘n
mhios seo bidh e coig bliadhna
fichead ’san t-sagartachd. ’Se
ant-Ath. Padraig Ceanadach an
sagart ur a bhios a’ saoith-
reachadh ann an Ceann Loch
Gilp.
SOP AS GACH SEID . . .
BIDH “FEAR-FAIRE” gle
fhada an comain neach sam bith
chuireas a naidheachdan thuige
airson na duilleig seo.
GUTH O NA LINNTEAN
FEAR-DEASACHAIDH
Bha Comhairle ur nan Leabh-
raichean Gaidhlig a’ lorg Fear-
deasachaidh, agus tha iad ag
innse gur e Mgr. Iain Moireach
a chaidh a thaghadh airson na
h-oibre. Buinidh Mgr. Moir¬
each, a tha a’ teagasg ann an
Dun-eideann, do Bharabhas ann
an Leodhas. ’Se a choisinn an
duais anns a’ cho-fharpuis a
chuir am B.B.C. air chois air¬
son sgeulachd ghoirid ann an
Gaidhlig, agus tha e air bard-
achd agus cluichean a sgriobh¬
adh. Tha Mgr. Moireach 31,
agus chaidh e troimh’n fhogh-
lum ann an Oil-thaigh Dhun-
eideann, far an tug e a-mach
M.A.
A DH’FHALBH: “Tha e ’na
iongnadh, mar thoradh air a’ Members of the Scottish Par-
pheacadh, gum bheil neach sam liamentary Labour Group’s In-
AN EAGLAIS
CHAITLIGEACH
A' Tilleadh Dhachcudh
Tha faisg air bliadhna a nis
bho’n thug bristeadh slainte air
bith air a theamadh; agus tha
e ’na iongnadh, do bhrigh
ullachadh an t-Soisgeil, nach
’eil na h-uile a’ creidsinn agus
dustry and Employment Sub-
Committee have been having
discussions with the Highland
Board. The talks, over coffee.
nach ’eil iad air an tearnadhT'—- ..ranged over all aspects but with
Aonghas MacNeill, fear de na particular emphasis on Industry
“ Daoine ” a bh’anns an Eilean and Employment (naturally)
Sgiathanach ’san naodhamh and included a ‘clean shoe’ visit
linn deug. I to the Invergorden smelter site.
NAIStANTACHD
le DONNCHADH MACLABHRUMN
Tha deagh fihios agam na
their an leughadair mu’n tiotal
ud shuas—cluinnidh mi thusa—
naiseantachd a ris, le osnaich
thuirseach! Seadh, naiseantachd
a ris! Tha lan neo-fhios aig
a’ehuid as mo de dhaoine as
aithne learn uimpe agus mar sin
bithidh daoine mar mise a’sior-
chur dheth gu la Luain mas
eiginn dhuinn gus an duisg thu!
’Se Oliver Brown, ’na thir-
ghradhaiche ainmeil is ’na Al-
bannach gu chul, a tha ’n
comhnuidh ag radh gur i nais¬
eantachd an t-aon chumhachd
air culaobh a’pholitics. Tha e lan
cheart. Chithear naiseanteant-
achd anns gach uile chearn de’n
t-saoghal—o Shina gu Ameir-
eagaidh. Chan aidich riagh-
laidhean nan duthchannan seo
agus feadhainn eile gu bheil
e ceart, gu nadurra, chionn gur
e beachd nan daoine aca gu
bheil cruth-shuidheachaidhean
naiseantach co-cheangailte ris
a’Ghearmailt ri linn .Hitler, ris
a’chomh-shealbhas no ris an
earrasachd ole—no eadhon nas
miosa. Tha e an crochadh air
an aite far a bheil thu! Ge
baoth a tha seo leinn an Alba,
is fior a tha e.
’Se an fhirinn a th’ann gu
bheil iomadh gne naiseantachd
air an t-saoghal. Tha cuid
dhiubh fallain agus feumail
(a’chuid as mo) mar ’nar n-Alba
fhein, agus, air an laimh eile,
tha cuid cunnartach do’n t-sith
mar a chunnaic cuid dhiim ’s
an Roinn Eorpa anns an am a
dh’fhalbh agus mar a chi sinn
fhein le bagairt Shina anns an
am a thig.
Is urrainn dhut daonnan
fhaicinn nuair a bhitheas gne
naiseantachd ole ann an tir.
Cinnidh a naiseantachd ’na
“chauvinism”; tilgear daoine
thall’s a bhos ann am priosan
agus gun choire orra ach nach
bu deonach iad deanamh col-
tach ris a h-uile fear eile.
Theid a’chuid as mo de’n
t-sluagh an ro-bheusach agrain-
geil agus their leabhraichean
mu’n t-saorsa, anns gach uile
chumadh’s a bheil i, a losgadh.
Cinnidh na daoine ’nan cal
leth-bheo ’s iad a’moladh
breige cheothach fad laithean
am beatha. Le ruith nam bliadh-
naichean agus air faighinn do’n
t-saorsa, di’chuimhnichear na
rudan ion-mholta a bha iad ag
iarraidh an toiseach.
Bitheadh sin mar a thogras e,
gabhaidh air an laimh eile,
beartas is rudan math na nais¬
eantachd aithneachadh cuid-
eachd. Is trie a chi sinn ann an
litreachas na duthcha neo-
chaor seo, oir tchan e saorsa rud
nuair a tha direach regha rath-
aid agad, ’se rud as motha na
sin a th’ann. ’Se an t-aile
gabhalach a dh’iadhas an tir ’»
a dh’analaichear leis na daoine
a tha cudthromach is fallain.
Nuair a bhitheas a leithid seo de
mhothachadh airson saorsa
ceart, nach trie e a thaomas an
litreachas as an tir mar uisge
glan a tobar foghluim. Feuch
Eire agus Yeats, O’Casey,
Joyce; feuch Alba agus Mac-
Diarmaid, Caimbeul Hay Mac-
Ghilleathain. Tha a’chuid as
fhearr de na h-ughdaran ’s na
baird an Alba ’nan naiseantaich
chruaidh agus fad na duthcha,
o’n uachdarachd gus an iochdar-
achd, ’se mothachadh dochais a
th’ann nach b’ann an sin o
chionn fhada. Tha e mar an
ceudna ’sa’ Chuimrigh agus an
aitheachan eile far a bheil
naiseantachd a’brachadh.
Agus carson a tha iad cearr?
’Se mo bharail-sa nach bu
choir duthaich sam bith a
bhith aig cul-coise te eile—ge
beartach no ge bochd iad. Oir
tha duthchannan mora mar
fhangan—ithidh iad an sath an
uair sin leigidh iad leis an te
bheag lobhadh ’s iad air goid
a’bheartas oirre. Tha mise,
comhla ri iomadh fear eile, de'n
bheachd gur e sgaradh nan
tirean an rud as fhearr a thach-
radh gu sith an t-saoghail a
chumail. Ma bheir duine suil
air Innis Tile is Niribhidh, agus
an uair sin air Ameireagaidh is
Sina, is leir de na tha sinn
a’ciallachadh.
TRANSLATION
(Continued from Page Six)
rain falls upon the land. In this
country we need raincoats and
umbrellas very often.
In the winter, when this side of
the world is away from the sun,
the cold and storms are greatest.
Often the cold is so great that the
moisture in the clouds is frozen
to ice and it falls upon the earth
in great, white flakes. When this
happens (will happen), we say
(shall say) that it is snowing.
When the snow comes (will
come), skiers from every corner
(quarter, region) of the country
make for the high moors. They
are (will be) in thousands ski-ing
on the sides of the mountains
every week-end throughout the
winter. This helps hoteliers in the
Highlands where there are great
mountains and plenty of snow
throughout the winter.