Skip to main content

(2) next ›››

(1)
I SI-UNGUAL NEWSPAPER OF CURRENT EVENTS IN THE HIGHLANDS AND THE ISLANDS AND IN SCOTLAND
SUPPORT
GAELIC
For £1 per annum
you can JOIN
AN COMUNN GAIDHEALACH
Abertarff House Inverness
DI-ARDAOIN, 29mh LATHA DE’N DAMHAR 1970 THURSDAY, 29th OCTOBER 1970 No. 94 Sixpence
TALADH DO’N
GAIDHEALTACHD
AIR an t-seachdainn seo
thoisich Bord Leasachadh
na Gaidhealtachd air an oid-
hirp as motha tha iad air a
dheanamh fhathast gus luchd
gniomhadhais a thaladh do’n
Ghaidhealtachd. Leig iad so
ris aig Coinneamh ri luchd
nam paipeirean naidheachd is
luchd gniomhachais, fo iuil
an t-seann Cheann Suidhe,
Sir Raibeart Grieve, an Glas-
dhu Di-Mairt.
Sheall iad film ur agus
leabhran a chaidh a sgriob-
hadh a dh’aona gnothaich a
shealltainn do dhaoine na bh’
ann de chotlhroman air
Ghaidhealtachd de dh’obair
gniomhachais. Thuirt Sir
Raibeart gur e an gnothach a
bu chudthromaiche bfia roimh
’n a Bhord a thaobh gniomha¬
chais a Ghaidhealtachd a
“reic” do cheannardan obrach
an ceann a deas Bhreatainn
agus feadh an t-saoghail air
fad. Thubhairt e “Tha aon
rud gu mor nar n-inntinn. *56
sin, a dh’aindeoin ’s na thai-
nig a dh’Alba de dh’obraich-
ean gniomhachais a duthdha-
nan cein bho linn a’Chogaidh,
nach tainig gin idir, idir
dhiubh dhan a Ghaidheal¬
tachd. Tha am Bord am
beachd sin atharrohadh.”
Agus chaidh Sir Raibeart
as aicheadh gu robh am Bord
a deanamh dearmad air taobh
Siar na dutlhcha. Nuair a
chaidh innseadh dhaibh gu
robh Comhairle Baile Steor-
nabhaigh a’gearain nach deach
na h-Eileanan an lar flu’s ’san
fhilm. “Tha sin a chionns
nach ionnan an seorsa leas¬
achadh a tha dhith air na h-
Eileanan ris an seorsa rud tha
sinne feuchainn ri bhrosna-
chadh leis an fhilm seo. Tha
an oidhirp seo air a cumadh
a dh’aona ghnothadh gus gnio-
mhachasan araid a thoirt am
follais do dhaoine agus gus
na cothroman gniomachais a
th’air tir mor gu h-araid a
nochdadh. Tha sinn a deasa-
chadh film eile air na h-
Eileanan agus feumaidh sinn
cuibhrionn nas airde de dh’
obraichean tha dualach do’n
aite fhein a nochdadh anns an
te sin.”
Tha an leabhran a toirt
cunntas mhionaideach air
deich air fhichead larach
feadh na Gaidhealtachd a
bhiodh freagarrach son fac-
toraidhean neo obraichean
gniomhachais eile a steidh-
eachadh annta. Ach dheth na
deich air fichead sin dhaneil
ach a dha anns na h-Eileanan
an lar, agus tha iad le cheile
ann an Steornabhagh. Am
measg cheudan eile, gu ire
bhig uile air taobh sear na
dutihcha, thatar ag ainmeach-
adh gu bheil laraichean ri’m
faighinn ann an Loch Baghas-
dail, an Uibhist a Deas agus
air an Tairbeart agus anns an
t-Ob ’sna Hearadh, ach chan-
eil cunntas mhionaideach idir
air an toirt orra.
A thaobh gniomhachas a
thaladh do’n Ghaidhealtachd
thuirt Sir Raibeart gu robh
iomadach bacadh agus ioma-
gain air a bhith orra, ach bha
duil aca ri sin, agus bha
iad air leasan ionnsachadh
bhuapa. Thuirt e gur fhad’ o
bha fhios aca gu feumadh am
Bord fas moran na bu daine
air gnothaichean mi-chinn-
teach seach buidhnean eile
air an robh curam laimh
seachadh airgid, ach bha e
mar fhiachaibh orra sin a
dheanamh. Bha e an dochas
gun leanadh am Bord ur air
an dearbh chleas a dheanamh.
Anns na coig bliadhna ’san
robh am Bord am bith, bha
297 obraichean gniomhachais
air a dhol troimh ’n lamhan.
An cois na h-oibrichean sin
bha iad air £2.2,000,000 a
chosg, agus chaidh 60 gniom¬
hachas as ur a chuir air
bhonn. Cha robh seo idir
a cunntas an leaghadair
ann an Invergordon, fiach
£39,000,000, no a mhuillean-
fhiodha ann an Lochabair.
Bha e da riribh uasal
as an adhartas a rinneadh
leis an obair ghloinne ann an
Cataibh, gu h-araid o
chionns gun robh an luchd
obrach og agus sgileil. Bha
e na mhisneachadh mhor
dhaibh cuideachd a bhith
mothachadh gu robh obair
fhigheadaireachd a meudach-
adh cho mor air taobh siar
na duthcha agus an Arcaibh,
agus a reir sgrudaidhean a
rinneadh o chionn ghoirid,
bha a h-uile coltas gun tig-
eadh piseach air obair a chlo
ann an Sealltainn cuideachd.
Thuirt Sir Raibeart “An taca
ri ar cairdean anns a Chuin-
righ, ann an Ear Thuath
Shasuinn neo air Galltachd an
h-Alba tha cnapan-starraidh
araid aig Bord Leagachaidh na
Gaidhealtachd ri choinneach-
adh. Chan e gu bheil na
th’againn ri tharruing dad
nas miosa—gu dearbh ann an
iomadh doigh ’s ann a tha e
moran nas fhearr—ach gu
bheil fhathast aineolas mor
feadh na duthcha air a Gaid-
healtchd ’s na h-Eileanan
mar chearnaidh anns am faod
obair gniomhachais soirbh-
Though small, Eriskay is known the world over. But all is not sweet music on the island.
There is work to be done; the singing comes later. Our photo shows the hay being made
ready for taking back to the croft.
PHOTO: KENNETH ROBERTSON, DALIBURGH, SOUTH UIST
eachadh. Feumaidh an oidhirp
seo tha sinne deanamh an
drasda agus na h-oidhirpean
eile tha mi cinnteach a nith-
ear anns an ath choig bliadhna
a chuid mhor dhen saothair
a chosg air dealbhan mear-
achach air Ghaidhealtachd
fhuadacadh.”
Thuirt Sir Raibeart gur e
an ceann uidhe a bh’aig a
Bhord an cuibhrionn de dnao-
ine a bha fas ann an obair
gniomhachais air a Ghaid¬
healtachd ’s anns na h- Eilea-
nan ardachadh bhon 11 % aig
an robh e ’n drasad gu rude-
igin nas fhaisg’ air an 38%
aig an robh e air feadh na
duthcha air fad. Thuirt e “O
thoiseach tihoisichidh tha sinn
air a bhi ’g radh uair is uair
gur e seo a chuid gu mor as
cudthromaiche de ar gnoth¬
ach. Chan e romhain ’a Ghai¬
dhealtachd a chur fo ghniom-
hachais’ ach na cothroman a
th’aig an oigridh a leudachadh
gus am bi cothrom acasan a
Ghaidhealtacihd ur a chrutha-
chadh mar chearnaidh nas
treuna agus nas torraiche de
dh’Alba.” A bharrachd air a
choinneamh ann an Glaschu
chum am Bord da choinneamh
ann an Sasuinn. A thuilleadh
air a sin bha feill fad’ thri
latha ac’ ann an Lunnainn
agus te a mhair da latha ann
am Birmingham son cothrom
a thoirt do luchd gniomha¬
chais mu dheas faicinn dhaibh
fhein na h-aig a Ghaidheal¬
tachd ri thabhain dhaibh.
CLUB LEABHAR
NOW
AVAILABLE
MAIGHISTEIREAN IS
MINISTEIREAN
by
IAIN C. SMITH
RETAIL PRICE 7/6
r details of future publications, etc., write to -
CLUB LEABHAR, Abertarff House,
Church Street . Inverness