Skip to main content

‹‹‹ prev (32)

(34) next ›››

(33)
AM MEASG NAM BODACH.
29'
galar mo bhais as an fhliuchadh so, gabh curam gu’n
cnamh mo chlosach ann an uir Lunnainn, agus chan ann
idir am measg righrean borba, agus luchd-reubainn nan
treubhan Gaidhealach.”
Chuir e seachad an oidhche ann an tigh Mhic
’Illeathain os cionn Port Konain agus faisg air an eaglais
dhuibh. Fhuair e am biadh agus an deoch a b’fhearr a
bha ’san tigh agus ged a dh’ith e cearc air aghaidh fhein,
coltach ri Domhnull Cuimeanach, cha robh e toilichte
idir nach d’fhuair e cuideach-cungaidh nach fhacas ann
an I anns an linn sin. Cha do chaidil e gu math ann
an leaba choimhich agus bha e air ghluasad ann an glaise
na maidne agus gle neo-fhoighidneach gus an d’fhuair e
16n-maidne.
Einn e air an eaglais dhuibh agus chuir dreach is
maise nan seann togalaichean iongantas mor air.
“Shaoil leam,” ars’ esan, “gu’m b’fhe&rr Mac-
Shomhairle nan Eilein air spuineadh na air togail
eaglaisean, ach faodaidh mi aideachadh gu’n robh aon
duine cr&bhach ann an Albainn gun Boswell a chur a
dhannsadh.”
Ghabh e roimhe gus an do rMnig e Crois Mhic
’Illeathain agus an uair a dh ’innis am fear-iuil dha gu ’n
robh e ’na sheaSamh anns a’ cheart kite anns an do
ghabh Calum Cille anail agus anns an do leig e a sgios
dheth an ddidh dha, air a thurus deireannach, sabhal
nam manach agus an t-e6rna a bha ahn, a bheannachadh,
las a ghnuis agus ghluais a bhilean mar gu’m biodh e ag
urnuigh. Ach is ann an uair a raining e Eeidhlig Grain
a ruisg e a cheann Hath agus a rinn e a bheic mar gu’n
robh e ann an lathair nan righrean a. bha cadal fo na
leacan. Cha chualas aon fhacal bhuaithe ach bha bhilean
ag gluasad agus tha mi ’creidsinn gu’n robh e ag radh

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence