Skip to main content

‹‹‹ prev (10)

(12) next ›››

(11)
Facal Bho’n Chcann Suidhe
Bha slnn am Peairt an uiridh, far an robh againn M6d a bha uile gu l&ir math — gach ni air
drdachadh le loinn, a’ choimhearsnachd cairdeil, aoidheil agus da-riribh fialaidh. Bha Peairt mar
eiseimpleir air na bailtean mu dheas a thug uiread taic do iomadh M6d r6 nam bliadhnachan.
Tha sinn fada, fada nan comain. Ach am bliadhna tha e, gu dearbh, tlachdmhor a bhith tilleadh
do’n Ghaidhealtachd — do Loch Abair far nach robh Mdd Nciiseanta o 1932. Air son iomadh
bliadhna bha an Comunn meata a thaobh suidheachadh aite a’ Mhoid. Be ar miann a bhith ’sa
Ghaidhealtachd ach bha sinn gun mhisneachd, — eagallach nach truiseadh
coimhearsnachdan beaga, iomallach na Gaidhealtachd an t-suim mh6r a tha dhlth air son
cosgaisean a’ Mh6id. Sheall Goillspidh, na h-Eileanan an lar agus an t-Oban dhuinn de ghabhas
deanadh far an bheil sgioba thapaidh le toil agus turachd.
Tha barrachd ri Ccinain na direach dbigh labhairt. ’Nar Cctnain tha fillte ar feallsanachd, ar
beachdan agus ar dualchas — dlleab luachmhor o ar sinnsirean. Ma tha ar c&nain a’ dol a
chumail am bith feumaidh freumhan a bhith aice ann an duthaich Ghaidhealach far an cluinnear
i air bilean an t-sluaigh ’nam beatha Iciitheil. Chaneil sin ri r&dh nach eil cuideachadh m6r ri
fhaighinn o luchd-bruidhinn na G&idhlig a mach as a Ghaidhealtachd agus o luchd ionnsachaidh
na Ccinain gu bith Cciite am bheil iad. Fhuair agus gheibh sinn mdran cobhair bhuapa-san. Cha
dean sinn feum as an eugmhais oir tha iad a’ toirt farsaingeachd agus leud do ar Ceinain. Ach gun
fhreumhan domhainn ann an sgireachdan far a bheil a’ chcinain air a’ cleachdadh bithidh ar
c&nain mar chraoibh le freumhan an talamh tioram. Caillidh i a duilleach, a meuran agus ann an
uine seargaidh i gu buileach.
Ged nach eil uiread Gcddhlig ri chluinntinn an Loch Abair sa b’abhaist, agus a bu mhath leinn,
chan eil teagamh nacheil dreach Ghaidhealach air an elite. Tha sin ri fhaicinn ann an ainmean na
chnoc, nam beanntain, nan sruthan agus iomadh ni eile. Tha mdran, nach bruidhinn a’ ch&nain,
ach aig am bheil dluth dhciimh rithe agus uidh innte agus tha an smuaintean agus an caitheamh
beatha a r6ir ar cultur. Tha eachdraidh agus cuimhne an elite Gaidhealach agus gu fortanach
tha iomadh oisein ann far an cluinnear a cheinain mar chainnt Iciitheil an t-sluaigh. ’Se ar dochas
agus ar miann gun toir am M6d N&iseanta seo Cirachadh, brosnachadh agus misneachd do
mhdran a’ cheinain ionnsachadh agus a chleachdadh. Tha aon rud fior gun teagamh idir. Mur a
bruidhinn sinn i chan than i bed. Bha, tha agus bithidh sinn a’ sireadh taic on riaghaltas
ndiseanta agus o na riaghaltasan ionadail agus o iomadh cearn eile. Tha seo do- sheachanta ach
aig a’ cheann mu dheireadh tha neart na ednain an urra ruinn fhein — gu sonraichte ruinne a
fhuair i aig gluin ar mathraichean. Tha e mar fhiachaibh oirnn a shealltain do’n t-saoghal gum
bheil uidh agus suim againn dhith — gu bheil i againn mar sheud, uile gu Idir priseil, ris nach
dealaich sinn a chaoidh.
9