Skip to main content

‹‹‹ prev (26)

(28) next ›››

(27)
8-15 Damhair 1999 25
• On a chaidh a’ chiad phrogram a fhuair taice airgid o Chomataidh Craolaidh
Gaidhlig fhaicinn air telebhisean air Latha na Bliadhn’ Uire 1993 mhaoinich
CCG corr is 1,200 uair a thide de phrograman Gaidhlig.
• Bhuannaich ceithir programan deug duaisean aig feisean eadar-naiseanta,
a’ cosnadh inbhe is cliu do chraoladh Gaidhlig.
• Tha mu dha mhillein neach air feadh Alba a' coimhead air programan
Gaidhlig gach bliadhna.
• Chaidh moran chothraman cosnaidh a chruthachadh. Tha mu 500 neach an-sas
ann an craoladh Gaidhlig.
• Tha naoi as gach deich de ionadan foghlaim tro mheadhan na Gaidhlig a’
cleachdadh nam programan Gaidhlig air telebhisean ann an oideachadh na cloinne.
Suil air adhart )
Bidh Comataidh Craolaidh Gaidhlig a’ cur taice ri sianal digiteach Gaidhlig
agus a’ deanamh cinnteach gum bi slighe reidh eadar craoladh analog agus
craoladh digiteach.
Theid tuilleadh leasachaidh a dheanamh air programan foghlaim aig caochladh ire.
Cumar taice ri programan reidio, a’ togail air a’ bhunait dhaingeann a tha
a-nise air a steidheachadh.
Theid teicneolas digiteach air telebhisean, reidio, an t-eadarlion agus
meadhanan conaltraidh eile a chleachdadh chum math na Gaidhlig.
Bidh sinn a’ deanamh cinnteach, chan e mhain gum bi craoladh a-reir feum na
coimhearsnachd, ach gum bi e cuideachd air a fhreumhachadh ann an
dualchas nan Gaidheal.
Tha piseach mor air tighinn air craoladh Gaidhlig.
Agus tha tuilleadh san amharc.
COMATAIDH CRAOLAIDH GAIDHLIG 4 ACARSAID CIDHE SRAID CHROMBAIL
STEORNABHAGH EILEAN LEODHAIS HS1 2DF
FON: 01851 705550 FACS: 01851 706432 E-mail: comataidh@compuserve.com