Skip to main content

‹‹‹ prev (6)

(8) next ›››

(7)
Failte bhon Cheann-suidhe
Air a’ bhliadhna seo, tha Feis nan Garradh air suilean an t-saoghail a thionndadh air baile mor Ghlaschu, agus’s
iomadh neach afhuair toileachas agus sasachadh ann a bhith a’frithealadh na Feise. Sin nithean a tha sinne anns
a’ Chomunn Ghaidhealach an dochas a gheibh gach neach a fhritheileas Feis mhor eile, pnomh Fheis na
Gaidhlig — am Mod Naiseanta. Tha e air leth freagarrach gum bitheadh am Mod an Glaschu am bliadhna, mar
airde-tachartais air na tha air a bhith a’dol, oir tha a’ Ghaidhlig ann an caochladh dhoighean rudeigin coltach ri
fluraichean.
Nach ann dorch a bhitheadh an saoghal as aonais nam fluraichean ioma-dhathach nuair a thig iad fo bhlath.
Nach ann duaichnidh a bhitheadh beatha nan Gaidheal as aonais na Gaidhlig’s as aonais a’ chiuil. Nuair a
chuireas sinn fluraichean sa gharradh, feumaidh sinn an altramas agus am beathachadh, an cumail saor bho
chnuimhean a dh’fhaodas a bhith gan ithe air falbh gus an tuit iad ragmharbh. Feumaidh sinn a bhith mothachail
air an toileachas agus air an t-sasachadh a bheir iad dhuinn nuair tha iad laidir agus fallain. ’S nach eil a’
Ghaidhlig ag iarraidh altramais agus beathachaidh cuideachd, ga cumail saor bho na cnuimhean sin a tha ga
creimeadh, gus am bi ise mar an ceudna laidir agus fallain’s gun cuir i ri ar toileachas’s ri ar sasachadh. Ach
bitheamaidh faiceallach, oir as aonais ar cuideachaidh, direach mar na fluraichean, gu cinnteach seargaidh i. ’S
bitheamaid faiceallach cuideachd gum bi mothachadh againn air na deanntagan a dh’fhaodas a bhith nar measg
sa gharradh. ’S i mo chuis-thagraidh ma-ta gum b’ e ar n-amas tron Fheis seo, tron Mhod Naiseanta seo, nas
urrainn dhuinn de altramas’s de bheathachadh a dheanamh air ar canain, ach an tig ise cuideachd gu'ire sam bi i
fo lan bhlath.
Chan eil teagamh againne sa Chomunn nach e flur na Gaidhlig rii cho cudthromach’s a tha an garradh ar beatha.
Agus tha sinn a’ toirt taing shonraichte do gach neach agus do gach buidheann a tha a’ toirt taice dhuinn ann a
bhith ga aiteach. Fhuair An Comunn, an luib a’ Mhoid seo, urrasachd luachmhor bhon TSB, agus tha ar taing
dhurachdach aca gun robh an gniomh a reir am facail mar bhanca leis an toigh “Bheir” a radh! As an urrasachd
sin fasaidh fluraichean ura a neartaicheas bfigh a’ gharraidh.
Mar as trie a tha fior, tha truimead na h-obrach a’ tuiteam air na h-aon ghuailnean. ’S cha deanar Mod gun obair
na luib. ’S math dhuinn gun robh guailnean laidir air a’ Chomataidh lonadail ann an Glaschu a shaothraich cho
diongmhalta, eadar ruamhar airson airgid is eile, fo stiuireadh an fhir-gairme, Eairdsidh Friseal, an co-cheangal
ri Oifigeach a’ Mhoid agus Comataidh Naiseanta a’ Mhoid. Ma bhitheas an toradh a reir na saothrach, ’s tha
dochas againn gum bi, ’s math am barr a bhuaineas sinn.
Chan eil teagamh nach bi ainm a’ Mhoid agus ainm a’ Chomuinn ceangailte ri cheile gu brath. Tha An Comunn
Gaidhealach toilichte uair eile Feis a thairgse do shluagh na h-Alba (’s do chairdean sam bith eile a thig a thadhal
oirnn), agus sin Feis a tha air leth na gne’s na dreach. Tha e na urachadh’s na mhisneachd dhuinn gu bheil
aireamhan fharpaiseach air a dhol suas ann am moran raointean, a dh’ aindeoin an atharrachaidh a b’ fheudar
dhuinn a dheanamh air na cinn-latha airson na bliadhna seo. ’S tha sinn an dochas gum meas sibh uile, mar a tha
sinne a’ meas, gu bheil am program ur seo le dreach eadar-dhealaichte na leabhar-aithne freagarrach do Fheis
mum faodar le firinn a radh nach eil a leithid eile ann.
’S e ar miann gun cord gach n'i a chi’s a chluinneas sibh ruibh. Ach tha miann eile againn cuideachd. ’S e sin gun
cuir am Mod s'ioI anns gach neach, siol a ghinidicheas’s a thig gu ire, bho bhuaidh oidhirpean a’ Chomuinn
Ghaidhealaich, gu bhith na bhlath as an tig sasachadh agus toileachas.
Failte chridheil gu Mod Ghlaschu 1988.
DOMHNALL IAIN MACIOMHAIR
1