Skip to main content

‹‹‹ prev (116) Page 108Page 108

(118) next ››› Page 110Page 110

(117) Page 109 -
An Giblein, 1938.
AN GAIDHEAL.
109
aon uair, ach aon uair deug, an iomlaid na
h-aon mhionaid, agus theab gun robh ceannach
air a sin aig an fbear a bba aig an dara ceann—
ceann an stuic—cbionn bba tigeir aig a’ cheann
eile fad na b-uine sin ! Nis, tba fhios gun abair
cuid, “ tha Seoras a’ tarming asainn an trobb
so.” Ach cban ’eil. Bu leam fbein an gunna-
peileir sin fad bbliadhnaichean, agus cha robh
sian cearr air, acb fhuair an duine aig an robh
e an am ud, bocsa de roidhleagan-urcbrach a
bha, is docha, ro-sbean, no cearbach air doigb
eile. Bba e macb leis fhein anns na coilltean
mora ’nuair a thachair e air tigeir. Thilg e
urcbair agus cbuir e peilear ’na chom. Cha do
rinn sin ach a lot gu dona, agus leum an tigeir gu
bhi ’na bhad-sa. Dh’ fheucb mo charaid am
baraill eile acb dhiult e aingeal. Cha robb
aige a nis acb an gunna a chumail ris an tigeir
cho math ’s a dh’ fbaodadb e, am feadb ’s a
bha e cur urchrach eile ann. Rug an uilebheist
air beul a’ ghunna ’na cbraos mor agus thdisich
e air an truaghan sealgair a pbutadh air ais
troimb ’n cboille an combair a chuil. Dhiult
an dara urchair. Naoi uairean eile cbuir esan
urchair ’s a’ ghunna agus dhiult iad uile, aon
an deidb aoin. Cha robb roidhleag eile a nis
air fhagail aige, ach direach an sin thuit an
tigeir marbb le call fala o’n cbeud pbeilear a
fbuair e. B’e sin an caol-thearnadb, agus is e
a b’ iongantaicbe uile, nacb do thuislich an duine
’san dol air ais, agus a liuthad freumb is bun-
stuic is eile deas gu C9,s-bbacaig a cbur air.
Inbhir-Lochaidh .
Tha mi direach air a bhi mu thuath an
Gearasdan Dubh Inbhir-Lochaidh, far an do
chuireadh Feachd air bonn ’san Ard-sgoil, fo
stiuireadh an t-Sar-Ghaidheil uasail, Lachann
MacFhionghain, le coig Buill fhichead. Bha e
iongantach a bhi faicinn a choimhlion balach
is caileag dhiubh sin a bha ’n Comunn na
h-Oigridh cheana ann am Feachdan eile feadh
na Gaidhealtachd—cuid a Dalabrog, Bagh-a’-
Chaisteil, Uibhist agus Drochaid Ruaidh. Bha
aon Sar-Bhana-Ghaidheal, agus aon dusan de
Lan-Ghaidheil ’s de Lan-Bhana-Ghaidheil a
fhuair buaidh ann an deuchainn-sgoile na
treas bliadhna: bithidh iad-san ’nan Sar-
Ghaidheil an ath-bhliadhna gun phaipear-
ceasnachaidh eile a sheasamh, a reir nan
riaghailtean. Is e la mor an eachdraidh Comunn
na h-Oigridh, an la a fhuaradh Feachd ann am
priomh bhaile lar-thuath na Gaidhealtachd.
Tha na h-Ard-sgoilean gu leir an cearnan
Gaidhlig na Gaidhealtachd air an riochdachadh
a nis ann an Comunn na h-Oigridh, ach
Steornabhagh a mhain. Bha ceilidh aig Meur
Comunn Gaidhealach Inbhir-Lochaidh feasgar
an latha ud, agus thug e toileachadh dhomh
cluintinn gun robh na thogadh aig an dorus
gu bhi air a chosg air cuirm-cnuic na Feachd
uir so.
Aig Tobarmhoire a rithist a tha’n t-urram gun
do chuir iad na ceud ainmean a fhuaras airson
Campa 1938—coignear chaileagan. Cha
d’fhuaras gin eile gu ruige so. Bhithinn-sa
fada an comain nan Ceann-Feachd nan cuireadh
iad na h-ainmean s’ na leth-chruintean chugam
cho luath ’s a ghabhas sin deanamh. Mar as
moille thig na h-ainmean a stigh, ’san as duilghe
rian a chur air uidheamachadh a’ champa.
Air an ath-mhios bheirear fios mu’n airgiod a
tha sinn a’ tairgseadh do na Feachdan airson
a bhi cumail nan cuirm-cnuic bliadhnail. Bha
e ’na mhealladh-duil an uiridh a liuthad Feachd
nach do chuir an tairgse so gu feum. Air
sgath na Cloinne guidheam air a’ h-uile Ceann-
Feachd am beagan dragha’s oibre tha ceangailte
ris na cruinneachaidhean so a ghabhail os laimh.
Cha chreid mi gum bitheadh aon Ceann-Feachd,
d’a dheoin, a’ seasamh eadar a’ Chlann ’s an
sugradh sin.
An t-urram do Cheann-Feachd Loch-Odha,
Catriona Chaimbeul, a rinn dealbh-cluich
Gaidhlig beag, ceutach, agus a dh’ionnsaich e
do Bhuill na Feachd : chluich iad-san e ann an
cuirm-chiuil a chumadh ’san sgoil a chum
airgiod a thional airson Tigh-eiridinn Bothan
an lar, ’san Oban.
Seoras Gallda.
<>
AN GARRA-GART.
Nach cluinn sibh an garra-gart,
Feuchainn ri bhi a seinn?
Nach e an creutair tha gun toirt,
A saoilsinn gu bheil e binn?
C'ha chluinnear uaith ach aona phort;
’S tha ’sgornan goirt ’ga chuir air ghleus :
Tha esan dichiollach ’ga sheirm;
Ach do a thoirm cha toirear speis.
Tha aon bhuadh a dol na. phairt;
Bheir e birr air gleidheadh tim;
Is ged nach riaraich sin na baird,
Tha cuid a b’fheairrd bhi gabhail suim.
Ged thogas e a ghuth gu grinn,
Cha chuir sin fior fhuinn air shebl:
Chan ’eil mor fhuaim ro thaitneach, binn;
Ni mb a ni flor thim deagh chebl.
Ohum seinn na’s fhearr na’n garra-gart,
Feumaidh an guth bhi milis, min;
Cleachdadh gach ealdhain agus feart,
Le uile bhuadhan cridh’ is cinn.
Alasdaih MacRath.