Skip to main content

‹‹‹ prev (115) Page 107Page 107

(117) next ››› Page 109Page 109

(116) Page 108 -
108
AN GAIDHEAL.
An Giblein, 1938.
agus ag gabhail taimh re a Grheamhraidh a nis
a mosgladh as a shuain. Tha an cruthachadh
a’ tighinn bed, agus tba aoibhneas agus solas
air sgaoileadh mu’n cuairt. 0 cbeann beagan
uine bha coltas a bhais r’ a fhaicinn anns
gacb glac agus gleann, air gacb doire agus air
gacb crann. Bha na beanntan comhdaicbte le
sneachd agus cha robh fuaim r’a chluinntinn
anns na glinn ach torman na gaoithe. Bha gach
abhainn agus caochan air an tachdadh suas le
eigh. Bha na h-eoin ’nan tosd ; air am folach
ann am frdgan nan creag, no air teicheadh gu
Maths ann an rioghachdan cein. Mar thubhairt
scan bhard.—“ Bha greann dubh air gach ni.”
Ach air teachd do’n Earrach tha nadur a’
dusgadh a suain a’ Gheamhraidh. Tha na
machraichean a rithis a’ tighinn bed. Tha am
feur a’ fas, tha na blathan ura ’togail an cinn ;
tha an sneachd a’ leaghadh bho bhearradh nam
beann; tha an snodhach a direadh troimh
chuislean nan craobh, tha na sdbhraichean r’am
faicinn ann am fasgadh nam bruach; tha na
h-eoin bheaga ’togail an ceileir le cheile, agus
cluinnear cedi an Earraich air gach taobh.
Ge b’e air bith cho doirbh ’sa bha an
Geamhradh bheir an t-Earrach solas ’na chois.
Eileanach.

TOIMHSEACHAIN IS SEAN-
FHACAIL.
TOIMHSEACHAN.
Chual’ thu i, ’s chan fhac’ thu i,
Dh’ fhairich thu i, ’s cha d’ fhairich thu i,
’S chan fhairich thu i, ged chuala.
A’ Ghaoth.
Cha chumadh an High fhein snaoisean
ris a’ Ghaoith.
Tha an adharc shnaoisein an laimh an Righ.
Tha e ’feuchainn ris an t-snaoisean a chumail ris a’
Ghaoith.
Ach chan urrainn da.
Tha a’ Ghaoth gun eiseimeil : cha toir i feairt air.
“Falbhaidh mise am maireach,” ars’ an Righ.
“Fanaidh tu riumsa,” ars’ a’ Ghaoth.
Cha luigh na siantan anns na speuran.
Is buaireadh gach sine a’ Ghaoth.
Is balbh gach sian ach a’ Ghaoth.
An uair a luigheas a’ Ghaoth, is maoth gach sian.
SEANFHACAL.
Chan e la na gaoithe la nan sioman.
Tha an tughadh air an tigh, ach cha do chuir iad na
siomain air fhathasd.
Tigh a thughadh gun a shiomaineachadh, saothaii
dhiomhain.
Am faic thu duine air fior dhruim an tighe?
Chaill e greim air an t-sioman.
Tha a’ ghaoth gle laidir.
Bheireadh i na h-earbuill bharr nan each.
Tha i ’toiit an t-siomain leatha.
Tha an cat air aird a dhoigh, ag amharc an t-siomain.
Gheabh an cat spors air an t-sioman.
Suil a’chait air sioman. (Seanfhacal.)
Tha an cat tuilleadh ’s mor, cho mor ri bean-an-
tighe.
LITIR COMUNN NA H-OIGRIDH.
Cia meud balach an Comunn na h-Oigridb
do’n aitbne am facal Gaidhlig airson
“ cartridge ”? Chi mi ann an cdrr is aon fhaclair
gur b-e roidhleag-urcbracb a th’ aca air, ged a
dh’ fheumas mise aideachadh nach cuala mi
riamh duine ’ga chleachdadh. Is obair
thlachdmhor a bhi rannsachadh fhacal
Ghaidhlig a tha, mar a theireadh duine, car
as an rathad, mar a bhios Fear-dheasachaidh
a’ mhiosachain so a’ deanamh gu math bitheanta,
agus is cleachdadh sin a tha ri a mholadh air a
h-uile cor. Ach ’s e sgeul eile a tha’n sin.
B’e an rud a bha mi dol a radh, gur cinnteach
mi gun cuala no gum faca sibh gu trie ann
an litreachas nan Gaidheal na facail “ gunna
nach diultadh ”—abair ann an dan-molaidh
’nuair a bhios am Bard a’ moladh euchdan-
seilge fir-taice leis a’ ghunna nach diultadh.
Is docha, anns na laithean sin, nach robh e
’na ni neo-chumanta gun diultadh gunn-eunaich
an drasda ’s a rithist, agus gun teagamh dh’
fhaodadh sin a bhi tubaisteach gu leor, ach
b’ aithne dhomh-sa gunna a dhiult, chan ann