Iolaire

Gnìomhan-ionnsachaidh

Tha seo air a chuir ri chèile dha sgoilearan, agus dha tidsearan a’ teagasg san àrd-sgoil airson barrachd eòlas fhaighinn bhon stuth air an làrach-lìn seo. Gnìomhan-ionnsachaidh (828KB; 9 duilleagan)

Ùghdar agallamh

Bi gnìomhan-ionnsachaidh Gàidhlig an seo a dh’aithghearr.

Airson barrachd fiosrachadh mu dheidhinn an Iolaire ann am Beurla, faic ‘When I heard the Bell’ le John Macleod (HB1.210.2.11). Anns a’ bhideo seo, tha e ag innse carson a sgrìobh e an leabhar.

A’ luchdachadh a’ chluicheadair ...

Leugh tar-sgrìobhadh den bhideo seo

Barrachd rudan feumail

Tha na dealbhan dhe na fir air an làrach-linn seo air an cleachdadh le taing do Ghuido Blokland, a tha cuideachd air . Tha an duilleag seo a’ sealltainn na bha air bòrd HMY Iolaire aig uair sa mhadainn air an 1mh am Faoilleach 1919. Tha iad air an cruinneachadh tro na bailtean as an tàinig na fir.

Faic gu h-ìosal airson barrachd fiosrachadh:







Bidh Coimisean Uaighean A’ Cho-fhlaitheis a’ coimhead às dèidh còrr is 20,000 uaigh ann an Alba. Am measg nan uaighean seo, tha còrr is 60 aig daoine a chaidh a mharbhadh ann an tubaist an Iolaire air an tiodhlacadh ann an cladhan air feadh Eilean Leòdhais. Ma rinn thu rannsachadh mu luchd-seirbheise air an Iolaire, no ma tha thu an dùil rannsachadh a dhèanamh , bu toil leis a’ Choimisean cluinntinn mu na ionnsaich thu. Cuir fios gu Patricia Keppie, Co-òrdanaiche Obair Coimhearsnachd, Alba aig community@cwgc.org

Barrachd leughadh:

Leabhraichean air an taghadh bho Leabharlann Nàiseanta na h-Alba mu dheidhinn tachartas an Iolaire:

Liosta de stuthan ann an Leabharlann Nàiseanta na h-Alba 1.1MB; Trì(3) duilleagan

Tha stuthan eile aig Leabharlainn nan Eilean Siar:

Liosta de stuthan ann an Leabharlainn nan Eilean Siar 769KB; Dà(2) dhuilleag