Bàird Ghàidhlig na Ceapaich Gaelic Bards of Keppoch

Tar-sgrìobhadh den agallamh le Colm Ó Baoill

  • Dè an dualchas dham buineadh Iain Lom agus Sìleas na Ceapaich a thaobh bàrdachd?

    B’ e toiseach an 18mh linn, agus b’ ann aig deireadh an 17mh linn, anns an robh atharrachadh mòr air Ghàidhealtachd. Mar thoradh air sin, b’ e an cinneadh am prìomh dhòigh riaghlaidh san àm. Agus ann an dòigh, bha cinnidhean a’ cur feum air bàird a chuireadh taic, mar as trice an riochd òrain, ris an t-siostam sin.

  • Dè bha sònraichte mun t-saoghal Ghàidhlig a bha eadar-dhealaichte ris na bha ann air Ghalltachd san àm seo?

    B’ e eadar-dhealachadh mòr nach robhas a’ bruidhinn na Gàidhlig air Ghalltachd. San fharsaingeachd, b’ e a’ Ghalltachd an t-àite a labhradh a’ Bheurla Ghallta. B’ e eadar-dhealachadh mòr, agus ged a bha coltasan ann, bha cinnidhean cho cumanta air Ghàidhealtachd, agus bha sin eadar-dhealaichte bhon eagrachadh shòisealta a bh’ air Ghalltachd. Mar sin, saoilidh gun dearg againn a ràdh gun robh inbhe eadar-dhealaichte aig bàird ann an dà leth na dùthna.

  • Mar sin, bhiodh inbhe mhòr aig bàrd sna cinnidhean Gàidhealach?

    Saoilidh mi gun robh agus nuair a choimheadas tu air cuid de na h-òrain a rinn iad, tha iad car sròineiseach mura faigh iad an spèis dhan robh iad airidh. Gabhaidh a thuigse, co-dhiù.

  • sròineiseach mura faigh iad an spèis dhan robh iad airidh. Gabhaidh a thuigse, co-dhiù. An ann a’ moladh euchdan a’ chinnidh a-mhàin a bhiodh iad, air neo an robh àite ann airson beachdan pearsanta agus poileataigeach cuideachd?

    B’ ann, san dà sheagh; saoilidh mi gu bheil an dà chuid ceart. Bha àite ann do bheachdan pearsanta agus poileataigeach, mar a th’ againn san dà eisimpleir a tha seo. Tha am bàrd Iain Lom ga riochdachadh fhèin ann an dòigh bheòthail neartmhor, mur eil e ag aontachadh ris na tha an ceann-cinnidh a’ dèanamh. Agus tha iomadh eisimpleir de sin san aon òran, mu mhurt na Ceapaich an 1665. Cha robh e a’ smaoineachadh gun robh ceartas air a thoirt a-mach luath gu leòr, ’s tha e a’ sìor iarraidh gun tèid a dhèanamh nas luaithe. Air an aon dòigh, rinn Sìleas na Ceapaich òran mu Bhlàr Sliabh an t-Siorraim an 1715 agus chan eil bacadh oirre a bhith ag innse cò na cinn-chinnidh a theich às a’ bhrochan de bhlàr a bha sin. Agus gu dearbha fhèin theich cinn-chinnidh, ’s tha a cheart aice a ràdh gun e gealtairean a bh’ annta. Cuid dhiubh. Seach sin, tha i taiceil don chinneadh.

  • A’ buntainn ri dualchas beul-aithriseach, cò a’ phrìomh èisteachd a bhiodh aca?

    Tha a’ cheist seo gu math inntinneach, oir, leis gu bheil na teacsan seo a’ tighinn thugainn ann an leabhraichean, saoilidh sinn gu bheil na bàird seo coltach ris na bàird a bha beò air Ghalltachd. Ach gu bunaiteach, tha e cudromach a chuimhneachadh nach eil comas sgrìobhaidh aig a’ mhòr-chuid dhiubh. Tha iad a’ dèanamh, chan e bàrdachd sgrìobhte air duilleagan pàipeir, ach òrain. Sin as adhbhar gun robh Iain Lom, agus gu sònraichte Sìleas na Ceapaich, a’ dèanamh bàrdachd, co-dhiù an ann poileataigeach a bha i, airson seinn. B’ e an luchd èisteachd an cinneadh san fharsaingeachd. Dè cho àrd fuil – chan eil fhios againn an robh comas aig an tuath air a tuigsinn gu ceart, ach b’ e fàth na bàrdachd, saoilidh mi, a bhith mar phàipearan-naidheachd air an latha an-diugh. Tha sin, tha iad a’ toirt sheallaidhean poileataigeach dhuinn a tha cudromach, a’ cuideachadh ri bhith a’ cumail a’ chinnidh ri chèile.

  • Dè a tha aig òrain Iain Luim agus Sìleas na Ceapaich ri thoirt do dhaoine an latha an-diugh?

    Nuair a chrìon na cinnidhean san leth eile den 18mh linn an dèidh Blàr Chùil Lodair, saoilidh gun do shìolaich a’ mhòr-chuid den litreachas a tha seo às, agus gur e na th’ againn ach saothair sgoilearan a sgrìobh sìos, agus a thaisg iad, an dèidh dhaibh a dhol à bith sa bheul-aithris, agus gur e fianais bho linn nach beò a th’ ann.