Bàird Ghàidhlig na Ceapaich Gaelic Bards of Keppoch

Sìleas na Ceapaich
mu 1660 - 1729

Rugadh Sìleas nighean Mhic Raghnaill, no Sìleas na Ceapaich, mu 1660, mas fhìor ann am Both Fhionndain, corr is dà mhìle bhon Cheapach ann an Gleann Ruaidh, Siorramachd Inbhir Nis.

B’ i nighean Ghilleasbaig, Mac ’ic Raghnaill, 15mh ceann-cinnidh Chlann Dòmhnaill na Ceapaich, a bha e fhèin na bhàrd. Bha deagh inbhe aice mar nighean chinn-chinnidh, ged nach robh an inbhe sin cho àrd ‘sa bha aig aon àm.

Chaith i mòran de a beatha ann an Siorramachd Bhainbh pòsta aig Alasdair Gòrdanach Chamdhail, maor dligheach Mhorair Hunndaidh. Dh’fhàg am pòsadh buannachdail seo Sìleas beairteach gu leòr. Gu dearbh, bho tràth ‘sna 1700an, bha i fhìn agus an duin’ aice a’ còmhnaidh ann an Caisteal Bhaile Dòrnaigh, air a’ chrìoch eadar Siorramachd Bhainbh agus Siorramachd Obar Dheathain. A rèir grunn thùsan, thathar a’ smaoineachadh gun robh còignear bhalach agus triùìr nighean aice.

Leis gur ann a’ buntainn ris an dà chuid uachdaran dùthchasach Gàidhealach agus teaghlach cumhachdach an Ear-Thuath a bha i, bha inbhe àrd aig Sìleas ri linn ’s gun robh i a’ dèanamh dhàn. Bha i air a meas gu mòr mar bhana-bhàrd. Cha mhòr nach deach a h-uile pìos bàrdachd a rinn i a ghlèidheadh ann am beul-aithris agus iad ag iomradh air bàs, poileataigs agus creideamh ann an Gàidhlig an latha. ‘San dualchas Ghàidhealach, chleachd i ìomhaighean a bha an dà chuid aithnichte agus iomchaidh.

Bha an creideamh Caitligeach dham buineadh i a’ tighinn am follais sna dàin chràbhach aice. ‘Sna dàin phoileataigeach aice, mholadh i feartan meuran Chlann Dòmhnaill, a’ nochdadh gur ann do Dhòmhnallaich a chaidh na dàin aice a dhèanamh.

B’ e boireannach moralta beusach a bh’ innte, aig an robh taobh mòr ri cùis nan Seumasach, mar a bh’ aig tòrr Ghàidheal na latha. ‘San òran ‘Là Sliabh an t-Siorraim’, tha i a’ toirt luaidh air dùil a’ mhòr-shluaigh ri teachd Sheumais Stiùbhairt, ‘An Seann Tagraiche’, blàr neo-chinnteach Sliabh an t-Siorraim agus an ùine an-fhoiseil eadar am blàr agus crìoch Ar-a-mach nan Seumasach.

Bha an nòs anns am biodh Sìleas a’ dèanamh dhàn eagarach agus foirmeil. ’S dòcha gur e an t-òran a b’ ainmeile a rinn i mar chumha do Mhac ’ic Alasdair, ‘Alasdair à Gleanna Garadh’. Dh’fhaoidte gun robh na faireachdainnean domhainn a nochdadh anns a’ chaoineadh seo nam fàileas air an dòlas a dh’fhulang i ri linn bàs an duine agus na nighinn aice, an dithis dhiubh a shiubhail mus do rinneadh an t-òran ann an 1721.

Ged nach eil fhios cò a’ bhliadhna anns an do chaochail i, tha fhios gun robh i beò ann an 1724. Leis cho math a dh’aithnichear saothair Shìleis air an latha an-diugh, tha e follaiseach gun robh pàirt chudromach sa chuibhreann seo de dh’eachdraidh na h-Alba aig boireannaich a bha mothachail do phoileataigs an latha.