Bàird Ghàidhlig na Ceapaich Gaelic Bards of Keppoch

Mu ‘Là Sliabh an t-Siorraim’

B’ ann bho shealladh nan cinnidhean agus nan Seumasach a chaidh an t-òran seo a dheanamh. Tha a’ bhana-bhàrd a’ moladh euchdan Chloinn Dòmhnaill agus an taic a thug iad seachad do dh’Iarla Mhàrr ri linn Ar-a-mach nan Seumasach ann an 1715.

Ged a bhathar a’ smaoineachadh gur e Sìleas na Ceapaich (c. 1660-1729) a rinn an t-òran, tha an dara agus an treas rann nas coltaiche le cuideigin a bha an làthair aig Blàr Sliabh an t-Siorraim, faisg air Dùn Bhlàthain, DiDòmhnaich, an 13mh latha den t-Samhain.

’S e brosnachadh air leth poileatagaich a tha ag innse cùrsa a’ bhlàir agus a’ moladh nam prìomh cheann-cinnidh agus uachdaran. Aig deireadh an òrain, tha a’ bhana-bhàrd a’ caoidh call nan Gàidheal, ach a’ dol an urras gun coilean iad fàistinneachd aosta Thòmas Reumar, ’s gum bi iad buadhmhor fo dheireadh.

Tha òran eile, le Sìleas na Ceapaich le cinnt, air an dara làimh a’ caoidh fàilneachadh an Ar-a-mach agus air an làimh eile a’ gabhail feart san aon fhàistinneachd:

Dar a ruigeas sibh Lunnainn nan cleòc,
’S a bheir sibh an fhàistinneachd beò,
          Bidh tomhas an t-sìoda
          Le ’r boghannan rìomhach
Air an drochaid, ’s na mìltean fo ’r sgòd.

A dh’aindeoin an dòchais sin, chan eil aon bhàrd dall do dh’adhbharan neo-shoirbheachadh Ar-a-mach nan Seumasach, agus an dithis aca a’ càineadh Mhorair Hunndaidh, a theich às a’ bhlàr, tha iad ag innse.