Bàird Ghàidhlig na Ceapaich Gaelic Bards of Keppoch

Do dh'Fheachd Mhorair Màr air neo Òran air Là Sliabh an t-Siorraim
Sìleas na Ceapaich (ni'n mhic Raghnaill)

1
Tha mulad, tha gruaim orm, tha bròn,
On dh'imich mo chàirdean air folbh,
On chaidh iad air astar
Gun chinnt mun teachd dhachaidh,
Tha m' inntinn fo airtneal nas leòir.

2
Gun cluinn mi naidheachd as binn
Air gach duine a dh'imich on tìr :
Gum pilleadh sibh dhachaidh
Le cruadal 's le gaisge,
'S gun crùinteadh an Sasann leibh 'n rìgh.

3
Beir soraidh gu Dòmhnall nan Dùn,
Gu h-Uilleam 's gu Seumas, nan triùir ;
Dar a chruinnicheas uaislean
De d' chinneadh mun cuairt duit,
Glac an t-urram a fhuair thu le cliù.

4
Beir soraidh gu h-Alasdair liath :
Às do chruadal gun earbainn deagh-ghnìomh ;
Dar a thèid thu gu buillean
'S do nàimhdean a dh'fhuireach,
Gu cinnteach bidh fuil air am bian.

5
Beir soraidh gu h-Ailean on chuan
Bha treis anns an Fhraing uainn air chuairt ;
'S e ro-mheud do ghaisge
Chum gun oighre air a' phearsa,
Craobh chosgairt air feachd nan arm cruaidh.

6
Beir soraidh an deaghaidh nan laoch
Gu 'n bhuidhinn gam bratach am fraoch,
Gu ceannard a' Bhràghad
Is a' chuid eile de m' chàirdibh :
Buaidh shìthne 's buaidh làrach leibh chaoidh.

7
Tha ùrachadh buidheann tighinn oirnn,
Mac Choinnich, Mac Shimidh 's Mac Leòid,
Mac Fhionghain Srath Chuailte
Is an Siosalach suairce ;
Is e mo bharail gum buailear leo stròic.

8
“Gig gig” thuirt an Coileach, 's e 'n sàs,
“Tha mo sgoileirean ullamh gu blàr,
Am fùidse nach coisinn,
Cuiribh a cheann anns a' phoca,
'S chan fhiù dhuinn bhith 'g osnaich mu bhàs.”

9
Crath do chìrein, do choileir 's do chluas,
Cuir sgairt ort gu Feachd an Taobh-tuath ;
Cuir spuir ort 's bi gleusda
Gu d' nàimhdean a reubadh,
'S cuir Mac Cailein fo ghèill mar bu dual.

10
A Thighearna Shrùthain o Ghiùthsaich nam beann,
Thug thu tamall a' feitheamh san Fhraing,
Tog do phìob is do bhratach :
Seo 'n t-àm dhuit bhith sgairteil,
Is cuir na Caimbeulaich dhachaidh nan deann.

11
A Rìgh! 's buidheach mi 'n Mhorair seo Màr,
Leis a dh'èireadh a' bhuidheann gun fheall ;
A liuthad Foirbeiseach gasda
Tha 'g iadhadh mu d' bhrataich,
B' fhiach do Sheumas an glacadh air làimh.

12
Tha mo ghruaim ris na h-uaislibh seo thall,
A luathas a mhùth iad 'n t-sreang ;
Tha mi cinnteach am aigne
Gum bu mhiann leo bhith againn,
Mur bhiodh Chuigse bhith aca mar cheann.

13
Far an robh sibh ri pèidseachadh riamh,
Is cha b' ann 'g osnaich air mullach nan sliabh :
A liuthad cùbaid tha 'n-dràsda
Fo chùram na gràisge,
Agus easbaig fo àilgheas nam biast.

14
A Dhonnchaidh, ma dh'imich thu null,
Tha do chiabhan air glasadh fo chliù ;
Gun cluinneam 's gum faiceam
Do philleadh-sa dhachaidh,
'S do chinneach nach stad air a' chùl.

15
Dar a ruigeas sibh cuide ri càch,
Ciamar chumas a' Chuigse ruibh blàr?
Càite 'm bheil a h-aon aca
An Albainn no 'n Sasann
Nach geàrradh sibh às mar an càl?

16
Dar a ruigeas sibh Lunnainn nan Cleòc,
'S a bheir sibh an fhàistinneachd beò,
Bidh tomhas an t-sìoda
Le 'r boghannan rìomhach
Air an drochaid, 's na mìltean fo 'r sgòd.