Bàird Ghàidhlig na Ceapaich Gaelic Bards of Keppoch

Iain Lom
mu 1624 – mu 1710

Bhuineadh Iain Lom, Bàrd na Ceapaich, do Loch Abar agus rugadh e mun bhliadhna 1624. B’ ann de shliochd Iain Àlainn, seann cheann-cinnidh na Ceapaich, a bha e.

Leis bu ghann an fhianais sgrìobhte mu a bheatha, tha tòrr der n-eòlas a’ tighinn bho bheul-aithris. ’S ann air an leabhar ‘Orain le Iain Lom Mac-Dhomhnaill. Poems by John Lom Macdonald’, le MacGilleEathain Mac na Ceàrdaich (àireamh sgeilpe na Leabharlann: NE.731.c.36), a tha a’ mhòr-chuid den fhiosrachadh air an làrach seo stèidhichte. ’S e ‘Òrain Iain Luim. Songs of John MacDonald, bard of Keppoch’, le Anna M. NicCoinnich, a th’ anns an deasachadh as aithnichte (àireamh sgeilpe na Leabharlann: H3.200.5515). Gabhaidh an dà leabhar a’ chleachdadh ann an Leabharlann Nàiseanta na h-Alba.

Bha fiorsachadh mionaideach aig Iain Lom air a’ Bhìobaill, eachdraidh na h-Alba agus bha e gu math eòlach air poileataigs agus tachartasan an latha a bh’ ann. B’ e duine dùrachdach onarach a bh’ ann aig an robh cluas cheann-cinnidh nan Seumasach. Bha buaidh bharraichte na bàrdachd aige agus bha e aithnichte mar bhàrd.

Tha feadhainn a’ smaoineachadh gun d’fhuair e foghlam math, ach tha nas coltaiche nach robh comas leughaidh no sgrìobhaidh aige. Chan eil e soilleir nas mò an do phòs e, ach bha mac aige a chog ann am Blàr Chille Chnagaidh an 1689 le Iain Greumach, 7mh Fear Chlaverhouse, no ‘Bonnie Dundee’ mar as fheàrr a dh’aithnichear e. Bha comasan aig mac Iain Luim mar bhàrd cuideachd.

An dèidh càs ‘Murtadh na Ceapaich’ air an robh e a’ beachdachadh, b’ fheudar do dh’Iain Lom teicheadh à Loch Abar agus comraich a shireadh fo sgèith MhicChoinnich Shìophoirt ann an Cinn t-Sàile. Nuair a lùghdaich an nàimhdeas a bha na aghaidh agus an dèidh dha beatha làn thrìoblaidean phoileatagach agus dachaigheil a chur seachad, thill e às an fhògradh gus caochladh ann am bochdainn mu 1710. Chaidh a thìodhlacadh ann an Tom Aingeal, aig Cille Choirill am Bràigh Loch Abar. San 20mh linn, chaidh carragh a thogail mar chuimhneachan air. Gu mì-fhortanach, b’ ann air uaigh Dhòmhnaill mhic Fhionnlaigh nan Dàn, bàrd ainmeil Abrach eile, a bha e.

Tha uaigh Iain Luim nas fhaide shuas air an tom, ged a chaidh e an ìre mhath san dìochuimhne. Chaidh an t-àite a dhearbhadh le fianais a thruis Calum MacGilleEathain, Fear Beag a’ Chridhe Mhòir, eitneòlaiche ainmeil. San leabhar ‘The Highlands’ a chaidh fhoillseachadh ann an 1959, sgrìobh e:

‘[Nas fhaide gu deas, tha Cille Choirill. Tha i suidhichte àrd air a’ bhràigh os cionn an rèile-iarrainn. Seo far an d’ fhuair Iain Lom, Bàrd na Ceapaich, fois shìorraidh. Bhathar ag ràdh gur b’ e an rùn deireannach a bh’ aige a dhol na laighe le aghaidh ri Coire Odhair. Chaidh carragh a thogail mar chuimhneachan air agus ’s è as àirde sa chladh. Seasaidh gach leac don Àird an Ear, ach leac Iain Luim, a sheallas a-mach gu Coire Odhair san Deas. Chan eil fiosrachadh mionaideach mu àite laighe dheireannaich. ’S fhada on a shiubhail an seanchaidh mu dheireadh aig an robh fios. Chan eil fhios aig mo dheagh charaid, Gilleasbuig MacAonghais, fear-glèidhidh a’ chladha agus eòlaiche air eachdraidh Loch Abair, càit a bheil uaigh Iain Luim, ged a dh’eòl e gach uaigh eile, leac ann no às, ann an Cille Choirill.]’