Bàird Ghàidhlig na Ceapaich Gaelic Bards of Keppoch

Murtadh na Ceapaich

Air neo ‘Murt [no Mort] na Ceapaich’ mar as fheàrr a dh’aithnichear e an-diugh.

Tha an t-òran seo a’ comharrachadh murt Alasdair MhicDhòmhnaill Ghlais, ceann-cinnidh òg na Ceapaich, agus Raghnaill Òig, a bhràthair na b’ òige, an 1663. Bha mu 30 murtair, a rèir na h-uimhir de chreuchdan a tholl na bràithrean. Fhuair Iain Lom mòr-aithne an dèidh mar a dh’oidhirpich e ri dìoghaltas a thoirt a-mach às leth nam bràthair.

Tha a’ mhòr-chuid den sgeulachd a leanas stèidhichte air beul-aithris, seach eachdraidh sgrìobhte. B’ e còmhstri thoinnte airson cumhachd, sealbh agus fearann am broinn a’ chinnidh a bh’ air a cùlaibh. B’ ann timcheall air dà mheur de Dhòmhnallaich na Ceapaich a bha e, ‘Sliochd an Taighe’ agus ‘Taigh na Ceapaich’ – Mac ’ic Raghnaill fhèin.

Air eugadh an athar, chaidh Alasdair MacDhòmhnaill Ghlais agus Raghnall Òg don Ròimh airson foghlaim. Thug seo cothrom do bhràthair an athar, Alasdair Buidhe, an t-Oide, cumhachd a’ chinnidh a thrusadh dha fhèin. Ach còig bliadhna na dhèidh, thill na bràithrean don Cheapach gus ceannas a’ chinnidh a ghabhail os làimhe. Dh’fhàg seo ‘an t-Oide’ – duine sgainnealach uaill-mhiannach – mì-riaraichte leis gun robh aige ri a chumhachd a ghèilleadh do chlann a bhràthar agus bhrosnaich e mì-rùn an aghaidh a’ chinn-chinnidh òig.

Thàinig e gu buillean mu dheireadh nuair a dh’fhalbh Alasdair Ruadh mac Dhùghaill Inbhir Làire, aig an robh seann ghamhlas ri Taigh na Ceapaich, còmhla ri sianar mhac agus an luchd-taice aon oidhche a mhurtadh nam bràthair. Chaidh e fhèin ’s an fheadhainn eile a-steach don taigh far an do lorg iad an ceann-cinnidh òg na leabaidh gun dìon, agus thòisich iad rim biodagan a shàthadh na chom, ga mharbhadh sa spot.

Cha robh Raghnall Òg anns an taigh, ach cha b’ fhada gus an cuala e ùpraid agus a dh’fhalbh e gu dìon a bhràthar. Air dha a dhol a-steach don taigh, chaidh a thoirt an grèim agus a cheannsachadh sa bhad. Ghuidh e do bhràthair athar airson cuideachadh, ach an àite dìon a thoirt do Raghnall Òg, shàth ‘an t-Oide’ a’ chiad bhiodag na chliathaich.

An dèidh a’ mhuirt, thruis Iain Lom na cuirp nan laighe agus bha tiodhlacadh urramach aca. Bhrosnaich e a cho-luchd-dùthcha, Dòmhnallaich na Ceapaich, gus dìoghaltas a dhèanamh air murt a’ chinn-chinnidh òig aca, ach cha robh càil aig a’ chinneadh ris. An àite sin, dh’fhalbh e a thagrairt air Aonghas MacDhòmhnaill, Mac ’ic Alasdair an Gleanna Garadh, ach cha robh càil aige ris na bu mhò.

A dh’aindeoin sin, bha Iain Lom deimhinnte gun robh a ghnothach cothromach agus onarach. Tro bhith a’ sìor-iomairt airson ceartas, chleachd e a sgilean bàrdachd a bhrosnachadh Sir Seumas MacDhòmhnaill Shlèibhte a dhol an sàs san iomairt. B’ e an toradh gun tug a’ Chomhairle Dhìomhair barantas-sgriosa air an 29mh latha den Iuchar, 1665, do MhacDhòmhnaill Shlèibhte airson:

Ailean MacDhòmhnaill, Oide na Ceapaich
Dòmhnall MacDhòmhnaill, bràthair Ailein
Alasdair MacDhùghaill, Inbhir Làire
Iain Ruadh MacDhùghaill, bràthair Alasdair
Dòmhnall Orie MacCumhail
Dùghaill MacCumhail ann an Tallie
Pàdraig Dunbar

Chaidh brath a thoirt do bhràthair Shir Sheumais ann an Uibhist a Tuath, Gilleasbaig MacDhòmhnaill, An Ciaran Mabach, airson buidheann a thoirt gu tìr-mòr a choinneachadh Iain Lom.

San t-Sultain, 1665, fo stiùir A’ Chiarain Mhabaich, rinn na h-Uibhistich, còmhla ri Iain Lom, dìoghaltas mairbhteach air na daoine a chreach a’ chinn-chinnidh òig ’s a bhràthair. B’ fhada on a bha an tachartas seo na phrìomh eisimpleir den chumhachd a bh’ aig na bàird am measg sluagh na Gàidhealtachd.

Air an t-slighe a-null do dh’Inbhir Garadh gus na cinn a shealltainn do Mhac ’ic Alasdair, nigh Iain Lom na cinn ann an tobar taobh ri Loch Omhaich, air an robh ‘Tobar nan Ceann’ bhon uair sin. Thogadh carragh-cuimhne leis a’ cheann-chinnidh mu dheireadh de Dhòmhnallaich Ghleanna Garadh ann an 1812, air a bheil earann sgrìobhte ‘s a Ghàidhlig a ghabhas fhaicinn chun an latha an-diugh.

À Inbhir Garadh, dh’fhalbh Iain Lom ’s na daoine gu tuath a dh’Inbhir Nis air comhairle Mhic ’ic Alasdair. Air an rathad, thachair rud a dhearbh eirmse Bhàrd na Ceapach airson aoir.

Air dhaibh Taigh-òsta na Cluaine Mòire ann an Gleann Urchadain a ruigheachd, thilg am fear a bha a’ giùlan nan ceann sìos iad air dòigh ’s gun d’ rinn iad glagadaich ri chèile. Nuair a chuala Iain Lom seo, dh’èigh e: “Ud! Ud! Nach còrd sibh ! ’s gur cloinn chàirdean sibh!”

Lorg tuilleadh mu Iain Lom agus bàird Ghàidhlig eile le bhith gan lorg ann an catalog Leabharlann Nàiseanta na h-Alba.