Murtadh na Ceapaich
Iain Lom (MacDonald) c.1663-5

1.
'S tearc an-diugh mo chùis ghàire
'Teachd nan roidean an iar,
'G amharc fonn Inbhir-Làire
'S e 'n dèidh 's a stràchdadh le sìol;
Tha Cheapaich na fàsach
'S i gun àird oirre 's fiach,
Gum faic a Rìgh a bhràithrean
Gur trom am bàirc oirnn an sgian.

2.
Gu dè an cobhar a shìrinn
Da neach a chìthinn nan dèidh,
Ach claidheamh Chinn-fhine
Bhith gu minig nan sgè;
Pacadh mhearlach air linne
A bhith pinneadh ar clèibh,
'S a' cur an còtan fon slinnean
Measg do Chinneach mhòir fhèin.

3.
'S cian o chomhairle an Aoine
Dh'fhàg a-chaoidh sinn fo sprochd,
Mu àm na Fèill-Mìcheil
Far 'n do dhìdion sibh 'm plot;
Dh'fhàg siud nar miol-mhùire sinn
'S nar fuigheall spuirt air gach port,
'S dar thèid gach cinneach ri chèile
Bithidh sinn sgaoilte mun chnoc.

4.
'S ann Di-Sathairn gearra uainn
Bhuail an t-earachall oirnn spot,
'S mi bhith caoidhe nan corp geala
Bhith call na fala mam brot;
Bha mo làmhan-sa craobh-dhearg
'N dèidh-sa bhith taomadh bhur lot,
'S e bhith gur cur ann an ciste
Tùrn as miste mo thoirte.

5.
'S iad mo ghràdh-s' na cuirp chùbhraidh
Anns bu dlùth cur nan sgian,
'S iad nan sineadh air ùrlar
An seòmar ùr gan cur sìos;
Fo chasan Shìol-Dùghaill
Luchd spùilleadh nan cliabh,
Dh'fhàg àlach am biodag
Mar sgàile-ruidle ur bian.

6.
Càite an robh e fon athar
Na sheall ad bhathais gu geur,
Nach d'thugadh dhuit athadh
D' fhear do labhairt 's do bheus;
Mach o chloinn bhrathair t' Athar
Chaidh 'm boinn an Aibhisteir thrèin,
Ach ma rinn iad ar loit-ne
'S trom a rosaid dhaibh fhèin.

7.
'S fhad thu 'd chadal 'n taigh dùinte
Is e gun smùid dheth gun cheò,
Far an d'fhuair thu 'n garbh dhùsgadh
Thaobh do chùil 's do bheòil;
Ach nam faigheadh tus' ùine
O luchd do mhì-rùin bhith beò,
Cha bu bhaile gun sùrd e
Bhiodh aire air mùirn 's air luchd-ceòil.

8.
Leithid a mhurtadh cha robh an Albainn
Ge bu bhorb sibh nur beus,
'S bochd an sgeul eadar bhràithrean
A dhol an làthair mhic Dhè;
Mar am bàta air an linne
Ge b'e shireadh na dhèidh
Cha dàinig leithid a mhilleadh
Air ceanna-fine fon ghrèin.

9.
Tha mulad air m' inntinn
'N àm bhith 'g innse bhur beus,
'S ann a ghlac sibh am fàth orra
Nuair a chaidh 'm fàgail leo fèin;
Chuir sibh cungaidh bhur caise
Ann an àros nan seud,
'S bha bhur buailtean bà-chruidh
Ann an gàradh nam peur.

10.
'S ann an sin bha 'n Cinneach
Bha air am milleadh on cèill,
A chaidh ghlacadh droch spiorad
Ann an ionad fiamh Dhè;
Sin am fàth man robh sgianan
Gu bràth gu minig nar dèidh,
'S an dòrn nach do bhuailte
Bhith ga bhuain anns a' bhrèig.

11.
Ach a Mhòr-fhear Chloinn Dòmhnaill
'S fhad do chòmhnaidh measg Ghall,
Dh'fhàg thu sinne nar breislich
Nach do fhreasdal thu 'n t-àm;
On a dh'fhàg thu na h-itean
Chaidh gun fhios duit air chall,
Tha sinn corrach às t-aogais
Mar cholann sgaoilte gun cheann.

12. Ach 's iomad òganach sgaiteach
Lùb bhachlach, sgiath chrom,
Eadar drochaid Allt Èire
'S rutha Shlèite nan tonn,
A dhèanadh leat èirigh
Nam biodh do chreuchdan làn tholl,
'S rachadh braise ann a t' èirig
Dheagh Shir Seumais nan long.

13. Tha lionn-dubh agus gruaim orm
An taobh tuathair mo chlèibh,
Ach ma mhaireas e buan ann
B' fheàrr leam uam e mar cheud;
Gar an tèid mi ga innseadh
Tha mi cinnte às mo sgeul,
Luchd a dhèanadh na sìthneadh
Bhi fad na tìr am dhèidh.

14.
Chuir an Rìgh oirnn craobh-shìthe
'S bha i dìonach gu leòir,
'S gam bu chòir dhuinn bhith strìochdadh
Fad an cian 'robh sinn beò;
'S ma sinn fèin a chuir dìth oirre
'S bochd an dìoghaltas thig oirnn,
Tuitidh tuagh às na flaitheis
Leis an sgathar na meòir.

15.
A Chloinn fhiuran seo bh' againn
'N taobh seo flaitheas mhic Dhè,
Thàinig sgiùrsadh bhàis orra
Chaidh an toirt uainn le stràchd gheur;
An t-aon fhlùrain a b' àillidh
Bh' anns a' phàirc gam bi spèis,
Mar gun rùisgeadh sibh àilean
Leis an fhàladair gheur.