Bàird Ghàidhlig na Ceapaich Gaelic Bards of Keppoch

An t-Ollamh Urramach Alasdair Irbhinn

Rugadh Alasdair Irbhinn air 1d latha de’n t-Samhain, 1773, ann am paraiste Fhartairchill, Siorramachd Pheairt. B’ e am pàiste a b’ òige a bh’ aig Seumas Irbhinn, tuathanach, agus a bhean Seònaid Mheinnearach. Chaidh e don sgoil ann am Fartairchill agus na dhèidh sin don oilthigh an Cill Rìmhinn. Chaidh dotaireachd Diadhachd a bhuileachadh air le Oilthigh Dhùn Èideann san Iuchar, 1812.

Aig an àm a chaidh Irbhinn a thogadh, bha ùidh air ùr-dhùsgadh ann an dualchas Gàidhlig na h-Alba. Chaidh na comainn Ghàidhealach ann an Lunnainn agus an Alba a stèidheachadh mun àm seo (1778 agus 1784) agus b’ ann tro na buidhnean sin a fhuair an t-seann chultar Ceilteach brosnachadh. B’ òg a thog Irbhinn làmh ri bàrdachd Ghàidhlig: ‘[Cha robh mi ach dusan bliadhna a dh’aois]’ sgrìobh e ann an 1822, ‘[nuair a thòisich mi a’ dèanamh rosg is bàrdachd Ghàidhlig. Chaidh mo bheò- ghlacadh le grinneas bàrdachd Ghàidhlig, gu h-àraidh na feadhna a b’ shine. Fad dà bhliadhna deug air fhichead, b’ e a’ chànan Ghàidhlig culaidh m’ ùidh agus m’ annais.]’. *

Air dha crìoch a chur air a fhoghlam ann an Cill Rìmhinn ann an 1796, chaidh e na mhiseanaraidh gu Ceann na Tràgha, san Rois Mhuileach, Samhradh 1797. Ann an 1799, dh’fhalbh e na mhiseanaraidh gu Ràineach. ‘Sa Ghearran, 1805, chaidh a shuidheachadh mar mhinistear am Fartairchill. Chan fhada gus an do phòs e a charaid maireannach, Seònaid ‘Jessie’ Stiùbhart, nighean Roibeirt Stiùbhairt, Fear Ghairt, uachdaran ainmeil air Ghàidhealtachd. Bho 1806 a-mach, b’ e ministear Bhaile a’ Mhuilinn – a’ pharaiste air taobh thall na h-aibhne bho Dhùn Chailleann – bh’ ann an Irbhinn gus an do chaochail e. ’S ann ceangailte ris a’ pharaiste seo as fheàrr a dh’aithnichear e. Ghabh a charaid, Roibeart Dòmhnallach, ministearalachd Fhartairchill thairis bhuaithe ann an 1806.

Math dh’fhaoidte gun tàinig am brosnachadh airson cruinneachadh bàrdachd a thoirt os làimhe goirid an dèidh an ama seo agus tha e coltach gun d’ rinn e tòrr den obair a’ cruinneachadh e fhèin. Thug e luaidh ‘sna làmh-sgrìobhainnean aige gun do dh’adhbhraich seo cosgaisean mòra dha. Cha tuirt e tòrr mun dòigh anns an robh e a’ cruinneachadh stuth, ach gun robh e gan cur sìos ‘[mar a fhuair e iad, len uireasbhaidhean uile]’. Cha b’ e a rùn a’ bhàrdachd làthaireach a thaisbeanadh uimhir ’s a bha e airson ‘[sealltainn dè cho barraichte ’s a bha na seann bhàird an taca ris an fheadhainn a lean nan dèidh]’. Ɨ

Ri linn a chùrsa-bheatha, bha Irbhinn soirbheachail ann a bhith a’ fighe ceannas na h-Eaglaise agus sgoilearachd Ghàidhlig còmhla agus b’ ann air sgàth a shaothrach a mhair cnap math de litreachas Gàidhlig. A thuilleadh air deagh sgoilearachd agus tabhartasan do chuspair Eòlas na Gàidhlig, ’s e na cruinneachaidhean bàrdachd an dìleab a bu mhaireannaiche a bh’ aige. Chaochail Irbhinn air an 31mh latha den Iuchar, 1824, ann am Baile a’ Mhuilinn, agus bha duilichinn mhòr leis cho òg ’s a bha e.

Thàinig na cruinneachaidhean aige gu Leabharlann Nàiseanta na h-Alba beag air bheag thairis corr is ceud bliadhna. Tha na pàipearan, litreachan, agus obair neo-fhoillsichte a’ toirt sealladh sònraichte dhuinn air a bheatha agus a shaothair sa chuspair Eòlas na Gàidhlig. ◊

An lùib nan làmh-sgrìobhainnean aige fhèin, tha leabhar anns a bheil bàrdachd Iain Luim agus Sìleas na Ceapaich ˠ a chaidh a thoirt sìos à cruinneachaidhean an Urr. Roibeirt Dhòmhnallaich (1770- 1842), fear a bhuineadh do Dhòmhnallaich na Ceapaich agus a rinn Diadhachd an Oilthigh Chill Rìmhinn aig an aon àm ri Irbhinn.

Chaidh seo a thoirt à artagail na b’ fhaide leis an t-Oll. Ulrike Hogg, Neach-gleidhidh Làmh- sgrìobhainn Gàidhlig, Ceòl is Cruinneachaidhean Nuadh-Thràth, Leabharlann Nàiseanta na h-Alba.

* Comharra làmh-sgrìobhainn: Ingliston MS.A.i.5(3), Comann Gàidhealach agus Tuathanach Rìoghail na h-Alba, Ingliston
Ɨ Comharradh làmh-sgrìobhainn: Ingliston MS.A.i.5(3), Comann Gàidhealach agus Tuathanach Rìoghail na h-Alba, Ingliston
◊ Comharra Leabharlainn Acc. 13156 agus MSS.14877-14882.
ˠ Comharra Leabharlainn: MS.14879