Skip to main content

‹‹‹ prev (205)

(207) next ›››

(206)
184 ORAIN
Thar leam gur mi blia gòrach
'N uair a thòisich mi ri dàn ;
Cha bhàrd a dheanadh òran mi,
'Scha chòir dhomh dol 'n a dhàil;
Tha ni-eigiiTi air m' inntinnse
'S cha 'n fhaod mi inns' do chàch,
Gu 'n tug mi gaol do 'n t-seòladaii'
Aù' long nam mòr chrann àrd.
Ach innsidh mise 'n fhìrinn duibh —
Mur bheil mo bharail faohi,
Tha gaol nam fear cho caochlaideach,
'S 6 'seòladh mar a' ghaoith,
Mar dhriùchd air madainn chèitein,
'S mar dhealt air bhàrr an fheòir ;
Le teas na grèine èiridh e
'S cha lèir dhuinn e 's na neòil.
'S ma s' nì e nach 'eil òrdaichte,
Gu 'n còmhlaich sinn gu bràth,
Mo dhùrachd thu bhi fallain,
'S mo roghainn ort tharr chàich !
Ma bhrist thu 'nis na cùmhnantan,
'S nach cuimhne leat mar bha
Guidheam rogha cèile dhuit
A's laidhe 's èirigh slàn !
MUILE NAM MOR-BHEAN'K
Am Muile nan craobh tha mhaighdean bhanail,
D' an d'thug mi mo ghaol 's mi faoin am bharail ;
'S ma chaidh e fo sgaoil 's nach faod mi'faighion
Gu'n taobh mi caileasfan Chòmhail.
I

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence