Skip to main content

‹‹‹ prev (348)

(350) next ›››

(349)
GHAIDHEALACE.
DUIL RI BAILE-CHAOLAIS FHAICINN, '^
AiR a' cheud la do'n Fhogharadh, 1856.
Le Iain Camaron.
Air:- — " Johnny ■'itai/s lony at tht Fair.^'
L U I ISI N E A G.
Chi, chi mi na mor-bheannaibh ;
Chi, chi mi na cor-bheannaibh ;
Chi, chi mi na coireachan —
Chi mi na sgoraibh fo cheò.
Chi mi gun dàil an t-àit' 's d' rugadh mi,
Cuirear orm fàilt' 's a' chainnt a thuigeas mi ;
Gheibh mi ann aoidh a's gràdh 'n uair ruigeam
Nach reicinn air tunnachan òir.
Chi mi a' ghrian an liath nam flaitheanas,
Chi mi 's an iar a ciar 'n uair luidheas i ;
Cha 'n ionnan 's mar tha i ghnàth 's a' bhaile so
'N deatach a' falach a glòir.
Gheibh mi ann ceòl bho eòin na Duthaige,
Ged a tha 'n t-àm thar àm na cuthaige,
Tha smeoraichean ann is annsa guth leam
Na plob, no fiodhal mar cheòL
Gheibh mi le lìontan iasgach sgadain ann,
Gheibh mi le iarraidh bric a's bradain ann ;
Na'm faighinn mo mhiann 's ann ann a stadainn.
'S ann ann is fhaid' bhithinn beò.
Chi mi ann coilltean, rhi ini ann doireachan,
Clii nii ann màghan bàn' is torraiche.
Chi mi na fèidh air làr nan coireachan,
Falaicht' an trusgan do cheò.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence