Skip to main content

‹‹‹ prev (411)

(413) next ›››

(412)
366 TUILLEADH DHUILLEAG
aice goirid uatha, bha iad iiile dlùth air làiinh aii uair a
chaidh a slàinte ùl.
Chaidh sinn a' stigh an deigh sin agus ghabh sinn ar
tea anus an t-seòmar agamsa gu h-àrd an staidhir — 's e
sin Liùsaidh, Beatrais, agus mi fhein, Fhuair Liùsaidh
litir fhada thoilichte bho Artair anns au robh e 'toirt
cùnntais niu 'n mhàrsadh thrùm a bh' aca air a'
chòigeamh latha fichead, thòisich e air an litir air an
t-siathamh latha fichead ach 's ann an dèigh sin a
chriochnuich e i. Thàinig tckgram air adhart a chuir
an Piidire Garnet Wolseley gu Mr Childers agus blia
cùnntas ni bu mhionaidiche ann mu na thachair. Tha
mi 'toirt buidheachais do Dhia ! nach 'eil an càll cho
mhòr 's a shaoil sinn an toiseacli. Dh' ùrduich mise
teine-aighir a' bhi air a' lasadh air Creag-Ghobhann aig
naoi uairean, dìreach far an robh am fear a chaidh a
lasadh an 1856 an dèigh dhuinn sgèul fhaotuinn air
tuiteam Sebastopol agus chaidh mo ghaol Ailbeart suas
ga ionnsuidh agus Bertie 'us Affie còmhladli ris. Bha
sin air an deicheamh latha de mhlos meadhoin an
rhoghair, dlùth air sia bliadlma fichead gus an àm so.
Chaidh mi gu Liùsaidh 'us leugh i pàirt de 'n litir
fhada aig Artair dhomh agus bha mi air mo leireadh
mu 'n chùnntas a thug e air fhulangais fhein agus nau
oitìgeach eile cho math ris na saighdearan bochda.
Cha do shuidh a dh' ionnsuidh na dinneir ach sin
fhein ; agus aig naoi uairean dh' fhalbh Beatrais 'us
Liùsaidh agus Ban - mhorair Southampton a dliol gu
mullach Creag-Ghobhann, bha na daoin'-uaisle againu
leòtha agus chaidh mòran de 'n t-sluagh ann agus pìo-

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence