Skip to main content

‹‹‹ prev (397)

(399) next ›››

(398)
354 TUILLEADH DHUILLEAG
am fàgail leis a' mliuir an talamh iosal gainmhich gun
chreagan ; ach tha èirigh 's a ghrùnnd air adhart ri
Dundeadh.
Eàinig sinu ceann - uidhe Drochaid Tatha aig sia
uairean. Bha dùmhladas mòr shiaigh a mach 'us
brataichean a snàmh air a ghaoithe ris gach taobh ; acli
mu thruaighe bha ar cridheachan ro thròm air son sòlais
sam bith. Thàinig am Probhaist a thoirt òraid dhomh
agus e air a sgeudachadh ann an eididh àilHdh agus
thug mnathan-uaisle badan fhlùraichean do Bheatrais 'us
dliòmhsa. 'S ann am mìos meadhoin an Fhoghair, 1844,
a bha mise 'an Dundeadh mu dheirea,dh. Bha sin
beagan au dèigh dhomh Affie a bhi agam, thàinig sinn
air tir 'an so air ar rathad gu Blàr-an-AthuU, cha
robh againn leinn de 'n chloinn ach Vickie agus cha
robh i ceithir bliadhna a dh' aois 's an àm, ghiulain
Eenwick^ i troimh 'n mhòr-shUiagh, chaidh sinn air
bòrd na hiinge an so a rithist aù' ar tilleadh.
Einn sinn stad mu chòig mionaidean 'an so agus an
deigh sin ghabh sinu thairis air drochaid mhiorbhuilte-
ach na Tatha.- Thoisich iad air a togail 'an 1871 agus
tha mu mhìle gu leth innte air fad. Bha e glè dhuiHch
dhoibh an steigh aice a leagadh agus chaill cuid dhe na
bha 'g obair oirre am beatha. Chaidh a criochnachadh
'an 1878.
B' e Mr Bouch a chaidh a dheanamh aithnichte
dhomh an Dundeadh a b' fear deilbh dhi, ghabh sinn
^ An t-hrd ghille-coise 's an hm sin, dh' <5ug e 'an 1871.
^ Thuit an Drochaid so ri stoirm mhòir air an naothamh latha
fichead de 'n Dùdlachd, 1879, agus chaidh na carbadan-smùid a bha dol
thairis oin-e 'us ceithir fichead sluaigh a chall.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence