Skip to main content

‹‹‹ prev (365)

(367) next ›››

(366)
324 TUILLEADII DHUILLEAG
Cliloinn-a-Leathainn ann, 'g am buin an cladli so. Tha
pàirt de shean bhallachan an Tigh-mhannaicli ri fhaic-
inn an so fhathast. Cha 'n 'eil an t-eilean so ach mu
leth-mhìle mu 'n cuairt, agus cha 'n 'eil anu ach mu
cheatliramh a ndiìle aig a chuid is leaithne dhe. Tha
fèidh air an fheadhain is motlia dhe na h-eileanan.
Thug sinn greis a' coiseachd mu 'n chladach agus an
dèigh èiteagan bòidheach a thional chaidh sinn do 'n
bhàta is dh' iomradh air ais sinn dìreach mar a thàinig
sinn. Bha ceithir tuathanaich eireachdail air ua ràimh
bha aon fhear diùbh gu sònruichte a blia gle bhreagha,
ghabh iad mu fhichead mionaid ga 'r toirt gu tìr. An
dèigh faotuinn gu tìr chaidh sinn an carbad fosgailte
air adhart mu dhà mhìle seachad aìr an tigh-òsda gus
an drochaid a tlia 'n taobh tliall de far am bheil a choille
sgur air an rathad gu Geàrrloch. Ghabh sinn ar tca
'an sin agus streap sinn suas bruthach a' shealltuinn air
eas beag bòidheach ach nach 'eil idir cho breagha ris an
fheadhain a th' aig Baile-Mhoireil ; thill sinn a dh' ionn-
suidh an rathaid a ritliist agus ràinig sinn dachaitlh
ceathramh an deigh seaclid uairean.
Thug mi greis air leughadh, 'us greis air sgrìobhadh.
Tha seòmar glè ghrinn aig Beatrais, ach gu 'm bheil e ro
bhlàth le 'bhi os cionn àite-na-còcaireachd. Tha seòmar
beag glè ghrinn dìreach mu choinneamh an fhir sin, aig
a' Bhrùnach agus cha 'n 'eil an teas cho mur ann. Thug
Ban-diùc Eoxburgh greis air leughadh nam pàipeirean-
naigheachd dhomh an dèigh na dinneir. Chunnaic mi
an Pddire Uilleam Jenner an dèMi sin.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence