Skip to main content

‹‹‹ prev (350)

(352) next ›››

(351)
BHO M LEABHAR-LATHA. 311
òsda gle clioltach ris mar a chitheamaid Pilatus bho
Peiision Wanis. Tha 'n rathad a' lùbadh air adhart
cho breagha agus sinn a' faotuinn sealladh an sid 's an
so dhe 'n loch a tha air a giilasadh a stigh gu tur a
measg na 'm beann. Tlia craobhan de gach seòrsa mu 'n
cuairt dhe, ach 's iad an fheadhain is pailte a th' ann
beithe, giubhas de sheòrsa na dhà, 'us fearna, agus
tha moran de rainnicli agus de fhraoch àrd bòidlieach a
fàs ann gu pailt agus creagan fiadhaich ag eirigh suas os
cionn gacli ni eile. Chithear 'an corra àite craobh
blireagha de ghiubhas nàdurra air a toinneamh agus a
stoc 's a ceann coltach ris a' chlach-ghiubhas a' cinntinn
as a' chreig a sios do 'n loch agus i sealltuinn an aghaidh
an speur ghuirni mar gum biodh i 'n dealbh Eadailteach.
An dèigh a choille fhàgail tha 'n rathad a ruith ri taobh
mill mhòra de chlachan gun chàrnadh sam bith orra ach
direach mar gun tuiteadh iad as an athar, no mar gu 'm
biodh iad air an tilgeadh suas le crith-thalmhainn.
Bha frasan uisge gu math tròm ann agus rinn so
bogha-froise glè bhreagha, agus bha fear eile ri fhaicinn
bho 'n ath-shoillseachadh aige air an spèur. Thàinig
turadh an deigh sin agus bha 'n spèur cho àillidh le dol
fodha na grèine agus bha a sòillse a' dearsadh dearg air
mullaichean nan sleibhtean. Bha Beinn Slioch air a'
lasadh suas mar a chunnaic mi Beinn Mbheis agus na
monaidhean eile a tha mu 'n cuairt a dh' Inbher-
Lòchaidh.
Bha e goirid an deigh seachd an uair a ràinig sinn
dhachaidh, tha 'n tigh-òsda na sheasamh ri taobh an
loch ao'us craobhan mu 'n cuairt dhe. Cha 'n 'eil cadli'-

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence