Skip to main content

‹‹‹ prev (298)

(300) next ›››

(299)
BHO M' LEABHAE-LATHA. 259
suidh a' chaisteil. Mu dheireadh thall thàinig Bertie e
flièin agus e na fhuil 's na fhalas, bha e air a rathad a
chall agus dhealaich e fhèin 's a chompanaich 's an
t-sealg, bha latha gu niath buadhar aige. Mharbh e
ceithir dhamh donn, dh' iarr e sinne thòiseachadh ri 'r
dinneir. Shuidh sinn gu 'r dinneir. Eileag, Beatrais,
Sìne Churchill, Morair Carnarvon 'us mise. Bha Chris-
tian air dol' shealltuinn air son Bertie ach cha robh e
fada gun tighinn. Bha e deich uairean mu 'n d' thàinig
Alix agus thàinig Bertie aig deich mionaidean an dèigh
sin ; agus bha e leth-uair an dèigh deich mu 'n d' èirich
sinn bho 'r dinneir. An dèigh sin chaidh na h-uaislean
uile do 'n t-seòmar-coinnichidh, bha na h-uile aon a
faireachduinn mar gu 'm bitheadh an dealachadh mul-
adach so a cur sac air an cridheachan. Thug mise Alix
'us Bertie suas an staidhir leam aig aon-uair-deug, agus
thug siun greis a bruidheann mu nithean a bhuineadh
do 'n turas so do na h-Innsean a bha cur urrad a dh'
iomaguin orm. Thàinig e mu dheireadh gu àm deal-
achaidh 'us chuir Bertie a dh' iarruidh Lòhlein agus a'
Blirùnaich gu beannachd fhàgail leòtha. Chunnaic mi
'n deuchainn a chuir sin air fhèin agus orrasan. Eug e
air làimh orra le chèile agus thàinig tioma orm fhèin an
uair a thuirt am Brùnach : " Gu 'm beannaicheadh Dia
'ur ]\Iòrachd Eìoghail agus gu 'm b' ann a bheireadh e gu
tearuinte dhachaidh sibh!" Ghabh e beannachd cuid-
eachd le m' mhathan frithealaidh a bha na 'n seasamh
leinn. Bha mo ghràdh bochd Alix gle mhuladach agus
mi fhèin cuideachd, phòg 'us phòg mi iad le chèile agus
gheall mi dol ga 'm faicinn air falbh 's a mhaduinn.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence