Skip to main content

‹‹‹ prev (283)

(285) next ›››

(284)
244 TUILLEADH DHUILLEAG
greis air sgriobhadh 'au dèigh sin, agus aig ceathramh
roimh dhà-uair-dheug ghahh Beatrais 'us mise cuairt
ghoirid da 'r cois mu 'n tigh.
Dh' f halbh mi aig fichead mionaid roimh aon uair anns
a 'charbad agam fhein le Beatrais 'us Sìne Churchill, 's
bha 'm Brùnach leinn gach latha 'na shuidhe air toiseach
a' charbaid, bha 'n dà dhuin' uasal 'n ar deigh 'us Frànn-
saidh Mac-a-Chleirich 'us Tearlach MacThòmais leotha
agus ghabh sinn seachad air Banabhi, troimh 'n Chorpaich
agus suas taobh Lochial. An uair a ràinig sinn, ceann an
loch bha 'n rathad a' tionndadh ris an làimh dheis 'us e
dol na lùban air adhart troimh ghleann uaine, agus
monaidhean breagha Mhùideart air thoiseach oirnn car
ris an làmh chli. An dèigh dol seachad air dail mhòr 's
an robh feadhain a' caoineachadh feòir ràinig sinn àite
cumhann troimh 'n robh abhuinn Chreagaig a ruith cho
seimh 's ged bu abhuinn Shasunnach i. Bha craobhan
giuthais 'us feadhainn eile ag cinntinn air na creagan 'an
so mar nach fhaca mise iad riamh roimhe an Albuinu,
tha Loch Seile a fosgladh oirnn 'an so le monaidhean
àrda sgorrach air gach taobh dheth. 'S e loch uisge th
ann agus tha e fichead mile air fad.
Tha tùr grannda na sheasamh aig ceann an loch, mar
chuimhneachan air Prionnsa Tearlach, 's ann a tha e
coltach ri tigh soluis, tha dealbh-cloiche de 'n Phrionnsa
air a mhullach agus balla mu 'n cuairt dhe gu h-iosal. 'S
ann an so a thug Fear Bhoradail e a' choinneachadh nam
Finneachan. 'S ann de shliochd an duin' uasail siu a tha
Fear Ghleann-Ahadail agus 's e 'n tigh aige an t-aon tigh
còmlnniidh a tha ri fhaicinn 'an so. An uair a rainig

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence