Skip to main content

‹‹‹ prev (276)

(278) next ›››

(277)
BHO m' leabhar-latha. 237
uair-èigin agus ag innse le guth àrd niu sgeul fuil-
eachdach a' bhròin. Tha coltas an àite fhèin a deanamh
a ghnothuich uamhasach a chaidh a dheanamh air
daoine neo-chiontach na 'n cadal nis oillteil. Ciamar
no c' àite an teicheadli iad ? Tha mi 'n dòchas nach
robh fios aig Eigh Uilleam air ni mu 'n ghnothuch.
Chunnaic sinn uamh Ossian ris an làimh dheis gun
a bhi 'ro fhada shuas an gleann ; ach tha mi cinn-
teach gu 'm bheil i còrr 'us mìle troidh os cionn làr
a' ghlinne agus cha 'n 'eil niise faicinn ciamar a b'
urrainn a dh' Ossian no do h-aon eile 'bhi beò innte.
Tha sgriodain uamhasach a' tighinn a nuas 'an so leis
an t-sneachda 'us leis an uisge 's a gheamhradh, tha na
clachan a tighinn air an rathad mhor 's ga fhàgail cho
garbh. Tha e cur drochaid an Deamhain 'an St Gothard
agus an Goschenen Pass na m' chuimhne ach gu 'm bheil
iad sin nis àirde ged nach 'eil iad cho fiadhuich. Aig
mullach an Inneinn bha sinn mu astar dheich mìle bho
Bhaile-Chaolais, agus shuidh sinne an so 'n ar triùir 'an
dèigh tighinn as a' charbad ri taobh balla iosal 'us
fhuair sinn sealladh math air na monàidhean maiseach
'us fhuair mise cuid dhuibh a tharruing.
'S e " Na tri Peathraichean," a theirear riuthe agus
their na goill air uairean "Creideamh, Dòchas 'us
Gràdli " riuthe.
Chaidh breacan-uachdair a' sgaoileadh air an fheur
agus shuidh an triùir againn a ghabhail ar tràth-nòin
agus f hritheil am Brùnach agus Frànnsaidh oirnn agus an
dèigh sin thug mise greis air tarruing dhealbh. Bha 'n
latha àillidh agus e cho chiùin. Ach ann an so, eadhoin

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence