Skip to main content

‹‹‹ prev (262)

(264) next ›››

(263)
BHO M LEABHAR-LATHA. 223
robh sinn fada gun clol fodh sgaoil 's bha sinn uile giè
thoilichte faotuinn a luidhe.
Caisteal InbhirlÒchaidh,
Biciadaoin, an deicheamh latha de mhìos
meadhoin an Fhoghair.
Tha sileadh tròm ann an diugh 'us ceò air na sleibh-
tean. Bha e giè dhorannuch leam, ach gu 'n robh toil-
eachadh anns na seallaidhean breagha a bha ri fhaicinn
bho 'n tigh. Gu sònruichte bho 'n t-sheòmar suidhe
agamsa air am bheil uinneag mhor a tha na bogha agus
tè bheag eile air gach taobh dhi sin 'us iad a' coimh-
ead ri Beinn Nibheis a tha direach ri 'r beulthaobh
cho àrd, agus tha deadh shealladh againn de 'n Ghear-
rasdan nis faide ris an humh dheis, agus de 'n Linne
Dhuibh 'us de phàirt de Lochial a tha' ruith suas dà
mliile dheug bho so, agus monaidhean Mhùideart air
adhart bho cheann, suas gu Gleann-Fhianain ; agus tha
iad so uile agus Banabhi le' Thigh-òsda dlùth air a
Clilais-uisge Chaledònianach ri 'm faicinn bho 'n uinneag
eile. Cha 'n eil an seòmar beag bòidheach so a' fos-
ghidh do sheòmar sam bith eile ; tha 'n ath sheòmar
aig Aimili Dittweiler, agus 's e 'n ath fhear a rithist an
seòmar èididh agamsa agus laimh ris a sin tha 'n
seòmar aig Anna, tha iad sin uile fada agus aimh-
leathan agus tha mo sheòmar cadailsa làimh riutha,
seòmar mor fada farsuing agus an leaba agam fhèin
aun, an leaba a bh' agam air falbh leam' an Switzerland,
Inbherthròsaich, Sandringham, agus Baden. Tha seò-
mar na dinneir air a cheud ùrlar, tha deadh mheudachd

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence