Skip to main content

‹‹‹ prev (257)

(259) next ›››

(258)
218 TUILLEADH DHUILLEAG
ged a bha an dùthaich mu 'n cuairt cho fiadhuich 's e
cho aonaranach gun choille gun tigh còmhnuidh agus
ceathach 's uisge a' milleadh a choltais. Beagan an
dèigh sin stad sinn aig Dailchuinidh goirid bho 'n tigh
òsda anns an do chodail sinn 'au 1861. Au dL'igh dhu-
inn marcachd bho Bhaile-Mhoireil gu gleann lihuinn-
sidh, agus uaith sin sios gu Newton mòr; cha 'n 'eil
astar fada 's an turas so le 'ghabhail tarsuing thar nani
beann, ach air eagal a bhi' an carbaid 'an side neoch-
innteach thàinig sinne an t-astar fada so mu 'n cuairt.
Eàinig sinn Cinn-a-ghiùbhsaich aig còig mionaidean
fichead roimh thri uairean. Bha àite stad carbad-na-
smùid 'an sin air a dheanamh glè mhaiseach le flùraich-
ean, le fraoch agus le brataichean. Bha oighre ]\Ihic-
Shimidh an sin — àrd oifeagach na siorramachd — agus
Chiani Mac-a-Phearsoin agus iad le cheile 's au deise
ghàidhealaich. Dh' fhan sinne far an robh siun gus an
deachaidh gach ni 'bhuineadh dhuinn a' chur 'n ar carb-
aid agus an sin thàinig sinn a mach 's an dile uisge ann.
Chaidh sinne 'n ar triùir 's a charbad mhòr agam fheiu
agus Seanalair Ponsouby agus am Brùnach air a thois-
each. Bha na mnathan frithealaidh agamsa anns an
ath charbad agus na mnathan frithealaidh eile agus
Frànnsaidh 's an cù 's na seirbheisich eile 'an dà
charbad 'n ar deigh. Ghabh sinn troimh bhaile beag
Chinn-a-ghiùblisaich far an robh dà bhogha bhuadhach
air an cur suas agus bha gach àite air a dheanamh
maiseach, agus bha cuid de dhaoine Chhiaini air an
tarruing suas romhainn. Thionndaidh sinn uaithe sin
ris an làimli chlì suas a measg nam monaidhean agus

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence