Skip to main content

‹‹‹ prev (255)

(257) next ›››

(256)
216 TUILLEADH DHUILLEAG
TUEAS A DH' IXBHIRLOCHAIDH, 1873.
Dlriuìirt, an naothamh latha de rahìos
ì/ieadhoin an Fhorjhair, 1873.
Dh' èirich mi aig deich mionaideau 'an dèigh seachd,
agus deich mionaidean 'au dèigh siu shuidh mi gu 'm
thràth-maidne le Beatrais. Bha maduiun àilidh ann.
Dh' fhàg mi Baile-Mhoireil aig còig mionaidean 'an dèigh
ochd le Beatrais agus Slne Churchill ann an carbad
cheithir each a dhol gu Bailatair, bha 'm Brùnach na
shuidhe air mo chùlthaobh 'us chaidh Seanalair Pou-
sonby agus Dr Fox air adhart air thoiseach oirnn. Bha
'n carbad-smùid comhfhurtail againn fhein 'an so 'g ar
feitheamh ; thàinig Sìne Churchill a stigh leinne agus
chaidh Aimili Dittweiler, Anna DhònuUach agus Maxted
bean-fhrithealaidh Ban-mhorair Churchill do sheòmar
an hichd eididh. Bha 'm Brùnach làmh riumsa agus
bha Frànnsaidh leinn a gabhail cùram de Noble còir.^
An dèigh dol thar drochaid na Duinn aig leth-uair an
dèigh aon-uair-deug ghabh sinn ar tràth-nòin de bhiadh
fuar, agus aig ceathramh roimh aon uair bha sinn aig
àite coinneachaidh na 'n rathad iaruinn aig Stanley, dh'
fhàg sinn 'an sin an rathad meadhoin a tha ruith gu deas
Ijho Abaireadhoin 'us thionndaidh sinn a' stigh air an
rathad ghàidhealach. Bha sinn ag èigheach nan creach
'an so air son na h-iarmailt a bhi cho chiar agus nach
faiceadhmid ni de 'n dùthaich a nùll uainn agus bha
^ Cu-chaorach ciatach eile th' aKaiu.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence