Skip to main content

‹‹‹ prev (247)

(249) next ›››

(248)
X
208 TUILLEADH DHUILLEAG
liutha tròcair air am buileachadh ormsa agus an doilgheas a tlia
mi faicinn cho tric aig a chòr de shluagh an t-saoghail 1
'S ann aig Dia amhàin a tha fios ! Cha 'n urrainn dòmhsa
fhaicinn ciamar a tha e 'n còmas duinn a ràdh gun bheil e
daonnan na Athair glic, gràdhach, gun leth-bhreith ri aon seach
a chèile ga 'chuid cloinne. An ni nach urrainn duinn a thuig-
sinn an dràsda, tuigidh sinn e an dèigh so. Feumaidh sinn
earbsa ris far nach lèir dhuinn.
Gum beannaicheadh Dia a' Bhan-rìgh air son a sior-mhaitheis !
Tha tlachd agam dhi mar bhoireannach, tha gràdh agam dhi mar
bhana-charaid, agus tha i;rram agam dhi mar Bhan-rìgh ; agus
tha fios agabh gu 'm bheil mi labhairt mar a tha mi' faireachdain.
Tha a misneach, a foighidinn, agiis a comas giìilain, nan cuis
iòghnaidh leam.
(Air a chur sios) T. Macleòid.
Màrt, 1873.
Thàinig Dr Macleòid gràidh do Baile-Mhoireil nair
no dha eile nach d' ainmich mi^agus shearmonaich
e an sin ; air an aona latha deug de mhìos mu
dheireadh an Fhoghair 1873, agus air co-ainm an
latha breith agamsa an ceathramh latha fichead de
'n chèitein 1864, bha sin an deigh dha tilleadh a'
Palestine. Bha e ann cuideachd air an t-seachdamh
latha fichead de 'n mhìos bhuidhe 1867, agus air an
naothamh latha fichead de 'n cheitein 1869.
Bha doilgheas mòr orm an uair mu dheireadh a
chunnaic mi e, leis cho iosal agus cho brònach agus
a bha choltas, ^n àite esan a bhi toirt misneach
dhòmhsa mar a b' àbhaist 's ann a b' fheudar dhòmhsa
a bhi ga mhisneachadh fhein agus a' feuchainn ri
togail a thoirt air inntinn. Thuirt e gu 'n robh e air
òrduchadh dha <j;un char oibre a' dheanamh, agus 2\\ 'm

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence