Skip to main content

‹‹‹ prev (236)

(238) next ›››

(237)
BHO m' leabhar-latha. 197
leam gu 'm b' urrainn dhomh na h-uile focal a thuirt e a
chur sios, bha e cho taitneach, 'N a ùrnuighean breagha
ghuidh e cho tairis air son Morair Pahnerston.^
Baile-Mhoireil,
Didòìiuich, an seachdamh latha deug
dc 'n mhìos bhuidhe, 1866.
Chaidh sinn aig dà-uair-dheug do 'n eagiais agus
thug an Dr Macleòid searmoin bhreagha dhuinn bho 'n
ochdamh rann deug thar fhichead de 'n naothamh
caibdeal de Mharc.
Bha i ciatach, cho làn seirc agus i' nochdadh far-
suingeachd inntinn fhèin, bha i cho fada an aghaidh an
spioraid neo-ghràdhach a bhios a roinn dhaoine an
aghaidh a cheile agus a nochdadh mar a bha an t-seirc
agus an gràdh 'us fior àirde ann an cridhe air Fear-
Saoraidh.
. . . Ghabh Ban-diùc Athull agus an Dr Macleòid
an dinneir leam. Bha esan cho grinn 'us e cho làn
co-fhaireachduinn ; tha e fulang mòran bho obair thròm
's bho iomaguin agus 's fheudar dha falbh thairis greis
air son a shlàinte 'us beagan fuasglaidh fhaotuinn. Bha
mise 'g innseadh dha am fèum a bh' agam fhèin air a sin,
agus gur e sin a thug an so mi agus gur ann le strith a
fhuair mi ann. Thuirt e gur math a bha e 'tuigsinn mo
chor agus ghuidh e orm, " Mar a tha sibh ag obair air ar
son uile," mi thighinn daonnan do 'n àite shàmhach so
air son fois. Thuirt mise gu 'n d' rinn m' Ailbeart gaoil
a choire fhèin leis nach robh e 'gabhail fois gu leòir ;
^ Bha e ris a bhàs an uair sin 'us dh' dug e air au ochdamh latha
deug de mhìos mu dheireadh an Fhoghair.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence