Skip to main content

‹‹‹ prev (224)

(226) next ›››

(225)
BHO m' leabhar-latha. 185
aon mheuclachd ri seòmar na dinneir, agus tha e air a
chur an òrdugh le buird ghrinne 's le rudan f ìnealta, 's
ann dorcha dearg a tha 'm paipear a th' air a' bhalla.
Tha turait bheag aig an dara ceann de 'us uinneag air
gach taobh dhe, agus e fosgladh a stigh do sheòmar
eile a bhuineas do sheòmar-na-cuideachd agus tha an
seòmar so a rithist a' fosgiadh a stigh do 'n leabhar-
lann. Tha dealbh dhiomsa a tlia cho mòr rium fhèin
anns an t-seòmar bheag a tha fosgladh as an turait.
Tha seòmar na dinneir air an taobh eile ; agus seòmar
na cluich direach mu choinneamh mo sheòmar suidhe-
sa. Lèugh Sìne Churchill an dèigh sin dhònihsa na
m' sheòmar fhein.
Diciadaoin, an t-aona latha dcug de mhìos
meadhoin an Fhoghair.
Maduinn ghruamach. Tha iad ag radh gu 'm bheil
cliuch airm nan saighdearan a dol air adhart gu buadhar
's an' deas. Tlia na h-uile neach a' moladh Artair mo
ghaoil, tha e cho evidmhor agus a' gabhail de dhragh
mu 'n chuis. Tha so giè thoilichte leam. Ghabh mi
sràid a mach aig ceathramh roimh aon-uair-deug le Sìne
Churchill. Chaidh sinn leis an Diùc sios do 'n ghùradh
a dh' fhaicinn museum a th' ann, tha e 's an deadh
òrdugh, agus tha mòran ann de dh' usgairtean Ceilteach
a tha gun a bheag de mhilleadh orra. 'S tha feadhain
ann a tha air an deanamh gle choltach riuthe, tha
seann innealan de gach seòrsa ann agus moran de
rudan iongantach a bh' aig na Ceiltich agus bha gach
seòrsa eoin ann a tha tathuich Dunrobainn. Bha

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence