Skip to main content

‹‹‹ prev (218)

(220) next ›››

(219)
BHO m' leabhar-latha. 179
niatli air fhaicinn idir ach chitli esan e ge be cho h;ath
's a bhitheas an carbad a ruith, tha suil anabarruch aige
air a shon. Cha teid gàidheal sam bith seachad air gun
a bhuain, tha iad a' creidsinn 'gum bheil buaidh shona
air, cha robh an latha ro slioiUeir ach fhuair sinn
sealladh air monaidhean do-àireamh, is leis an Diùc iad
uile, a null gu ruig an cladach an iar far am bheil frìth
no dhà aig Diùc "VVestminster air mhàl uaithe.
A' sealtuinn a nuU ri siorramachd Eois agus ris
a' chaolas Mhoireach chitir ri side shoiUeir seachd
siorramachdan as a so ach cha robh e soiUeir gu leòir
air son sin an diugh. Chunnaic sinn Beinn Kinneis gu
soiUeir, cnap do mhonadh a tha ag èirigh suas bho
thalamh iosal a tha ruith fada mach a dh' ionnsuidh na
mara 's ann air òighreachd Diùc Eichmond a tha i.
Theirinn sinn an uchdach a dhìrich sinn ach an dèigh
sin thionndaidh sinn a dh' ionnsuidh an rathaid mliòir
agus ghabh sinn dachaidh troimh GhòiUspidh agus a
stigh seachad air Tigh - na - cadh' - chUath aig seachd.
Thàinig an gaol beag bòidheach caileige 'g am fhaicinn.
Bha Lilah Grosvenor direach an deigh tighinn agus thug
Beatrais a stigh i. Ghabh sinn ar dinneir aig ceath-
ramh an dèigh ochd anns an t-seòmar dìnneir direach
mar a bha sinn air Disathurna. Bha a cheart shiagh
aig a bhòrd a bh' ann air an latha sin ach gun robh
Còirneal Ponsonby a chòr ann. Bha ceann caora againn,
agus bha e glè mhath, dh' ith mise e air son a cheud
uair air Didònuich 'us dheadh thaitinn e rium. Dh'
fhan mi tacan ann 's an t-seòmar-chuideachd agus
rinn an Diùc aithnichte dliomh Mr Stanley am fear a

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence