Skip to main content

‹‹‹ prev (208)

(210) next ›››

(209)
BHO M' LEABHAK-LATHA. 169
fionnar b(Mdheach. Dh' iarr a Bhan-diùc air a' Bhrùn-
ach dorus an t-seòmar suidhe fhosgladh agus an uair
a chaidh sinn a stigh ann co a bha 'n leabaidh an sin
air thoiseach oirnn ach policeman, cha robh fiughair
againn ri a leithid de cheatharnach a bhi 'an sin agus
ghabh sinn mor ioghnadh ach cha b' urrainn duinn gu
'n a bhi gaireachdaich mu 'n chùis. Tliàinig Flòraidh,
Sìne Churchill, agus Fràulein Bauer, far an robh sinn
ann an so agus an dèigh sin thàinig an Diùc e fhèin,
chaidh sinn air ais do 'n tigh troimh 'n ghàradh chàil,
agus gu dearbh tha e air a chumail' an deadh òrdugh.
Sheòl an Diùc dhuinn ann an so innleachdan a bh' aige
air son siolachadh a' bhradain, agus inneal ùr a bh' aige
air son uisgeachadh feòir, ghabh sinn suas na staidh-
richean a dh' ionnsuidh an tighe. Bha sgàile gu leòir
an so a chumail na greine dhinn ach bha pailt tuilleadh
's a chòir de chraoblian ann. Chaidh a chuid is sine
dhe 'n chaisteal a' thogail anns an dara-ceud-deug.
Fhuair an Diùc mo dheireadh air a dheanamh ni bu
mhotha e agus chuir e na turaitean air. Chaidh a
chuid ùr dhe a' chriochnachadh ann an 1849-1850.
ThiU mi stigh aig ceathramh roimh dhà-uair-dheug.
Bha 'n latha gruamach dorcha. Ghabh sinn ar tràth-
nòin mar a ghabh sinn ar tràth - maidne. Thug mi
greis air leughadh 'us mar sin sios agus chaidh mi mach
aig fichead mionaid roimh cheithir uairean, ann an car-
bad agus Bourner^ air cheann na sreine, chuir mi an
carbad agam fhèin agus na h-eich bheaga agam air falbh
1 Bha e na ghille carbaid 'us na ghille-greasaidh agam bho cheann
ochdbliadhna deug thar fhichead.— 1883.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence