Skip to main content

‹‹‹ prev (205)

(207) next ›››

(206)
166 TUILLEADH DHUILLEAG
chan buadhach aca air an cur suas, 'us sgriobhainean
gàidhlig air cuid dliiubh 'us Beurla air feadhaiim eile,
bha cuid dhiubh mar a leanas.
" Ai' buidheachas do 'n Bhwadhaich."
" Na h-uile latha chi 's nacli f'haic, slàinte dliiubh 'us sòlas."
" Ceud niìle fàilte do Chataobh."
" Fàilte do 'n latha bhuidhe."
" Better lo'ed ye canna be ;
Will ye no come back again ? "
Bha an sluagli anns na h-uile àite h\n dealais agus
caoinihneis. Cha do ghabh sinn thar deich mionaidean
a dol gu caisteal Dhunrobainn. Thàinig sinn air a
chaisteal gun fhios gun fhaireachadh ann a' mionaid
agus bu bhreagha a bha e a' sealltuinn le a mhuUacli
àrd 's le' thuraitean corrach 'us e leth choltach, ri seann
chaisteal Albannach 's ri tigh Frangach. Bha Constance,
Ban-mharcus Westminster, piuthar is òige an Diùc 's an
dorus romhainn agus bha a' nighean bheag aig Anna
Shutharlan anns an trànnsa, 's ann de chloich a tha 'n
trànnsa so air a dheanamh agus an staidhir agus seòrsa
de lobhta a ruith mu 'n cuairt a tha dol gu trannsa fad
eile, ach bheir mi cilinntas orra so agus air na seòm-
raichean a' màireach.
Thug a' Bhan-diùc mise do na seòmraichean a bh' air
an cur a mach dhomh fhein, Chaidh an airneiseachadh
agus an cur an òrdugh air ar son le cheile leis an Diùc
agus a' Bhan-diùc ghràidh nach mairionn. Tha seòmar
suidhe ann h\mh ri seòmar-cuideachd an tighe, agus

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence