Skip to main content

‹‹‹ prev (199)

(201) next ›››

(200)
160 TUILLEADH DHUILLEAG
ochd uairean. Bha am fraoch cho bòidheach ged nach
eil e a mach ceart fhathast. Bha 'n iarmailt cho caoiu
agus cho tlàth.
'S e so co-ainm latha breith mo mhàthar ghaoil. A
mhàthair ghràdhach sin a bha cho ionmhuin agus cho
ghaolach, cho tairis agus cho làn caoimhneis. Is tric a
tha mo chridhse le miann ag iarruidh a ghaoil sin
fhathast. Is minic a chaith i an latha so 'an Abar-
Gheallaidh ach cha robh sinne an so an uair sin.
TURUS GU DUX-ROBAIX AX 1872.
Dihaoine, an seàthamh latha de mhìos
meadhoin an Fhoghair, 1S72.
Maduinn ghruamach ach tha i na' turadh. Ghabh
mi mo thrath maidne romh naoi uairean leis a chlann
agus aig leth-uair an deigh naoi dh' fhàg mi Baile-
Mhoireil mo ghaoil ann an carbad fosgailte cheithir each,
bha Beatrais 'us Leopold leam, 'us Sìne Chureliill,
Fraulein Bauer, agus Morair Granville, ghabh sinn air
adhart gu Bailatair agus choinnich rinn ann an sin
Còirneal Ponsonby, an Ridire Uilleam Jenner, agus Mr
Collins. Bha 'm Brùnach leinn agus is esan a tha
daonnan a' coimhead as dèigh na h-uile ni air mo
shonsa, agus thug mi leam Aimili Dittweiler, Anna
Dhònullach, Sèumas Morgan, agus Uilleam Lejs mo

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence