Skip to main content

‹‹‹ prev (190)

(192) next ›››

(191)
BHO M' LEABHAR-LATHA. 151
Darnley ann cuideachd. Anns an t-seòmar so tha 'n
leabaidh a chaidh ullachadh air son a' cheud Tearlach
'n uair 'thàinig e gu bhi air a chrùnadh 'n a rlgh air
Albainn. As a sin chaidh sinn do sheòmar cadail Ban-
rìgh Màiri bhochd far am bheil an t-sean leabaidh aice,
agus i air call an dath. Tha a bhascaid eudaich ann a
chuir Ban-rìgh Ealasaid a dh' ionnsuidh an siathamh
Elgh Seumas an. uair a rugadh e, agus am bocsa oibre a
bha aig Màiri. Tha sean obair ghrèis an crochadh air
an t-seòmar so agus air dithis bheag eile a tha 's na tur-
aitean ; b' e fear dhiubh a seòmar èididh agus 's ann 's
an fhear eile a bha i aig a suipeir le Eizzio 'n uair a
mharbh iad e. Tha mìrean de 'n t-sean obair ghreis a
b' abhaist a bhi' còmhdach nam ballachan a' crochadh
a nise an àite dhealbhan. Tha gach nì a tha i a' faicinn
cho taitneach le Beatrais, tha na h-uile nì a' toirt toil-
inntin dhi.
Chaidh mi a mach aig leth-uair an deigh choig
uairean ann an carbad fosgailte cheithir each. Bha
Beatrais, Leopold, agus Ban-diùc Eoxburgh leinn, agus
bha ditliis de luchd coimhid nan each agam a' mar-
cachd leinn, ghabh sinn tromh Canongate seann sràid
neònach agus na tighean cho àrd innte, agus an sluagh
a bu bhochda 'us a b' isle inbhe mu na dorsan. Chaidh
sinn seachad air Tigh lain Knox agus air togalaichean
neònach eile agus sios sràid a Bhanc, agus air adhart
gu ceann an ear sràid a' Phrionnsa. Is sràid mhaiseach
i le a bùthain mòra breagha agus a tighean òsda
eireachdail air aon taobh agus na gàraidhean air
an taobh eile agus tighean nan dealbh, agus na

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence